Cur-fodha stàite (Coup d'État)
Is e coup d'état (Fraingis: [ku deta]; gu litireil "buille stàite") no coup gu goirid glacadh stàite gu mì-laghail, follaiseach leis an arm no le dream aig ìre àrd am broinn na stàite. [1] Measar gun do shoirbhich le coup d'état nuair a ghlacas agus a chumas an luchd-ainneirt cumhachd airson seachd latha aig a' char as ghiorra. Ma thèid riaghaltas na stàite a chur fodha le làmhachas-làidir an airm, canar "putsch" ris san Fhraingis, facal Eilbheiseach-Gearmailteach. [1]
Seòrsachan
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir rannsachaidh ann an 2016, tha ceithir builean deireannach comasach ann an coup d'État:[2]
- Coup air fhàilligeadh.
- Riaghaltas gun atharrachadh. Nuair a thèid ceannard a chur à rèim gun atharrachadh a thoirt air a' bhannal a tha a' riaghladh no air an dòigh riaghlaidh.
- Deachdaireachd eile air a cur an àite na tè a bh' ann.
- Fuadach às an deachdaireachd agus deamocrasaidh a' tighinn an lorg air sin.
Fhuair an sgrùdadh 2016 gun deach rèisimean ceannsachail ùra a shuidheachadh le mu leth-chuid de na cuirean-fodha uile - rè agus an dèidh a' Chogaidh Fhuair. Bidh deachdaireachdan ùra a thòisich le coup d'État a' sìor theannachadh air an t-sluagh sa bhliadhna às a dhèidh seach mar a bha sa bhliadhna ron choup. Cha do rinn treas cuid de na cuirean-fodha rè a' Chogaidh Fhuair agus 10 sa cheud dhiubh an dèidh a' Chogaidh Fhuair ach ath-mheasgachadh air ceannardas na rèisime. Chaidh riaghaltasan deamocratach a shuidheachadh an lorg air 12 sa cheud de chuirean-fodha a' Chogaidh Fhuair agus 40 sa cheud de na cuirean-fodha an dèidh a' Chogaidh Fhuair.[2]
Ro-fhios air cuirean-fodha
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an ath-sgrùdadh air an litreachas sgoilearach an 2003, fhuaras gun robh na leanas co-cheangailte ri cur-fodha stàite:
- gearanan oifigich air sgàth adhbharan pearsanta
- gearanan a thaobh eagrachadh an airm
- ìre meas air an arm
- co-ionannachd bheachdan an airm
- crìonadh eaconamach
- càs poilitigeach na dùthcha
- buaidh aig coup d'État eile san aon cheàrn
- bagairt bhon taobh a-muigh
- com-pàirt ann an cogadh
- comas veto aig dùthaich cèin agus prionnsapalan an airm a thaobh tèarainteachd nàiseanta
- cultar poilitigeach nan oifigeach
- institiudan nach eil ion-ghabhalach
- dìleab colonaidheach
- leasachadh eaconamach
- às-bhathar gun chaochladh
- coimeasg clas nan oifigeach
- meud an airm
- neart an t-sluaigh
- dligheachd na rèisim agus cuirean-fodha a thachair roimhe [3]
Eisimpleirean
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Powell, Jonathan M., Thyne, Clayton L. (1d dhen Mhàrt 2011): “Global instances of coups from 1950 to 2010 A new dataset,” (Beurla), ann an: Journal of Peace Research, leabhar 48, àir. 2, td. 249–259. ISSN 0022-3433. doi:10.1177/0022343310397436.
- ↑ 2.0 2.1 Derpanopoulos, George, Frantz, Erica; Geddes, Barbara; Wright, Joseph (1d dhen Fhaoilleach 2016): “Are coups good for democracy?,” (Beurla), ann an: Research & Politics, leabhar 3, àir. 1, td. 2053168016630837. ISSN 2053-1680. doi:10.1177/2053168016630837.
- ↑ Belkin, Aaron, Schofer, Evan (1d dhen Dàmhair 2003): “Toward a Structural Understanding of Coup Risk,” (Beurla), ann an: Journal of Conflict Resolution, leabhar 47, àir. 5, td. 594–620. ISSN 0022-0027. doi:10.1177/0022002703258197.