Jump to content

Cruachan Dearg

O Uicipeid

Co-chomharran: 56°25′41″N 5°56′43″W / 56.428146°N 5.945182°W / 56.428146; -5.945182

Cruachan Dearg

Mullach na beinne
Àirde (m) 704,1
Àirde (tr) 2310
Àirde rinneach (m) 130
Màthair-mhullaich Corra-bheinn
air liosta Graham, HuMP
Suidheachadh
Cruachan Dearg is located in Alba
Cruachan Dearg
Cruachan Dearg (Alba)
Suidheachadh Muile
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (47 48)
OS Explorer (375W 375E)
Comharradh-clèithe NM568332

'S e beinn ann an Alba a th' ann an Cruachan Dearg. Tha e suidhichte ann am meadhan Eilean Mhuile ear air a' Bheinn Mhòr. Tha e 704,1m (2310 troigh) de dh'àirde.[1] Mar sin tha e gu bhith cho àrd ri Corra-bheinn a tha na laighe deas air Cruachan Dearg. Air mullach na beinne chithear càrn a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde. 'S e Graham is HuMP a th' ann.

Thèid beanntan na h-Alba a chur ri chèile ann an liostaichean sònraichte a rèir àirde agus àirde rinneach mullach na beinne. Canar Beinn Rothaich, Murdo, Marilyn, Donald, Graham neo Corbett riutha. Tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach agus an uair sin thèid na tomhasan a chruinneachadh ann an liostaichean a tha rim faighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[2] Bho àm gu àm nì iad ath-sgrùdadh mu àird na beinne, agus rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air Cruachan Dearg san 19 an Giblean 2014.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Hill Bagging (Beurla)
  2. Database of British and Irish hills (Beurla)

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]