Creithleag-nan-each

O Uicipeid
Creithleag-nan-each
tacson
Ainm an tacsoinTabanidae Deasaich
Rang an tacsointeaghlach Deasaich
Pàrant an tacsoinTabanomorpha, Tabanoidea Deasaich
Ainm cumantaHorse and Deer Flies, klegg, obadi Deasaich
Patran gnìomhachd tron lathalàitheil Deasaich

Tha a' chreithleag a-measg feadhainn de na cuileagan as motha air an t-saoghal. Tha creithleag-nan-each air ainmeachadh air sàilleabh mar a bhios an tè bhoireann a' lotadh an eich as t-samhradh, 's iad nan sgaothan ag iadhadh mun cuairt dha, a' dol an sàs na chliathaichean agus na chòsan agus ga chlaoidh gu searbh.

Dòigh-ghintinn[deasaich | deasaich an tùs]

'S i a' chreithleag bhoireann a-mhàin a lotas an t-each air an dòigh seo gun fhios dhith ach a chum a gnè fhèin a chumail suas. Tha i ga tilgeil fhèin gu cruaidh a-measg fionnaidh an eich, far am bheil i a' suidheachadh nan uighean aice, agus air dhaibh bhith air an còmhdachadh le stuth de nàdar glaoidh, tha iad a' leantainn gu teann an sàs ann an sròn an eich. Ann an sin, laighidh iad beagan làithean, gus am fàs daolag bheag annta. Tha e na chleachd aig an each a bhith ga imleachadh fhèin gu tric, agus nuair a bhios e a' dèanamh sin, tha e a' briseadh nan uighean meanbha sin, agus tha na daolagan a bha annta a' dol an sàs na theangaidh agus air an giùlan sìos do bhroinn an eich maille ri a lòin. Tha iad a' dol gu teann an sàs ann an stamag an ainmhidh, far am bheil iad gan ceangladh fhèin gu cruaidh le dà dhubhan a tha air gach taobh dhe am beul. Tha iad a' fantainn gu stòlda san àite sin rè mhìosan a' gheamhraidh, far am bheil iad air am beathachadh gu seasgair le stuthannan àraidh a tha san stamag.

Aig deireadh an earraich, tha iad a' call an greim fhèin dhen chraiceann, air an robh iad cho fada an sàs, agus tha iad air an tilgeil a-mach ann an inneir an eich a thug caidreamh cho fada dhaibh. A cheann seo tha iad gan nochdadh fhèin ann an cruth eile mar chnaimheagan beaga, cruinn, agus tha iad a' gabhail fasgaidh, ann an sin, san talamh. Mar seo, tha iad nan laighe gun charachadh gus an tig am blàths. An sin, dùisgidh iad suas nan làn neart agus beòthalachd mar chuileagan a tha cumadail nan dealbhadh, a tha ro làidir a-rèir am meud, agus ro neo-bhàigheil ri duine agus ainmhidh le an gathannan geur.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

{{smachd ùghdarrais}