Corcaigh
Corcaigh Cork
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Èirinn | ||||
Ceàrn | Cúige Mumhan | ||||
Sgìre | Contae Chorcaí | ||||
Co-chomharran | 51°53’ Tuath 8° 28’ 23” Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 37.3 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 124,391 (2016) | ||||
Dlùths | 3,334.88/km² | ||||
Àireamh fòn | +353-(0)21 | ||||
Duilleag oifigeil | www.corkcity.ie |
Is e Corcaigh an t-ainm air Cathair agus Contae Èireannach.[1] Tha Corcaigh suidhichte an Contae Chorcaí, Còigeamh Mumhan, ainm a tha sònrachadh iar-dheas na h-Èireann.
Cathair Corcaigh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Cathair Corcaigh an dara chathair as motha ann an Èirinn. Chaidh a stèidhicheadh le na Lochlannaich air bad de eileanan beaga agus boglachan aig inbhir na Lí. Rè ùine, thogadh talmhainn eadar na h-eileanan nàdurra le cuir crèadha as grunnd na h-aibhne air bogalaich eadar na h-eileanan. O cionn 's gun deach a leasachadh tràth mar seo, chan eil làr a' bhaile ach beagan meatair os cionn barr na mara agus leanaidh abhainn na Lí slighe luibheach tron bhaile.
Tha obair àrc-eòlais, dèanta an co-bhonn le ath-leasachadh air lorg ballan-bhruaich dèanta à fiodh daraich, a chaidh air gearradh mu 1070. Tha obair àrc-eòlais eile air dearbhadh gun togadh cuid de na longan Lochlannaich as darach Èireannach.
Drochaidean: Tha coir is dusan drochaidean thar an Li anns a' bhaile, na measg Drochaid Uí Cleirig a chaidh air togail an 1776.
Foghlam: Tha Colaisde de Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann aig Corcaigh (UCC), còmhla le Institiud Teicneolais (CIT) agus Colaisde na Malairte.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Seán Ó Loinsigh (1917 - 1999) Taoiseach.
- Seán Ó Riada (1931 - 1971) Ceòladair.
Contae Chorcaí
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an cairt dealbh a' comharrachadh na crìochan air Contae Chorcaigh