Cordon (Sreath telebhisein)
| Cordon | |
| Fiosrachadh | |
| Seòrsa | Drama |
| STIÙIREADH | Tim Mielants |
| CEÒL | Senjan Jansen |
| DEASACHADH | Bert Jakobs |
| Riochdeachadh | Eyeworks |
| Cànan | Duitsis |
| Dùthaich | A' Bheilg |
| Suidheachadh | Antwerpen |
| Craoladairean | VTM FOX Nederland BBC 4 |
'S e drama airson an telebhisein à Flanndras a th’ann Cordon is chaidh a dhèanamh leis a’ chompanaidh VTM ann an 2014. Bha an sreath air a stiùireadh le Tim Mielants, a sgrìobhadh le Carl Joos agus a riochdachadh le Eyeworks.[1]
Sgeul
[deasaich | deasaich an tùs]Anns an sreath, thèid bìoras marbhtach a thoirt a-steach dhan fhaoinsgeulach Institiut Naiseanta airson Galaran Gabhaltach ann an Antwerpen (NIIZA), le euslainteach. Le sin, thèid an sgìre fhasanta Zuid Antwerpen a dhùnadh bhon t-saoghal air fad, feuch an cur stad air sgaoileadh a’ bhìorais.
Cleasaichean
[deasaich | deasaich an tùs]
|
|
Eadar-sgèoil
[deasaich | deasaich an tùs]| Eadar-sgeul | A’ chiad turas | Luchd-coimhid | Às a’ cheud (%) |
|---|---|---|---|
| 1 | 10 am Màrt 2014 | 900,801 | 37.53 |
| 2 | 17 am Màrt 2014 | 898,858 | 36.53 |
| 3 | 24 am Màrt 2014 | 620,710 | 28.14 |
| 4 | 31 am Màrt 2014 | 658,301 | 28.34 |
| 5 | 7 an Giblean 2014 | 583,701 | 25.61 |
| 6 | 14 an Giblean 2014 | 543,545 | 25.01 |
| 7 | 21 an Giblean 2014 | 655,487 | 28.96 |
| 8 | 28 an Giblean 2014 | 599,181 | 27.37 |
| 9 | 5 an Cèitean 2014 | 548,419 | 24.84 |
| 10 | 12 an Cèitean 2014 | 638,334 | 29.19 |
Dreach ùr anns na Stàitean
[deasaich | deasaich an tùs]Dh’innis a’ chompanaidh Aimeireaganach CW air 2 an Gearran 2015 gum filmeadh iad pìolait an sreath airson luchd-coimhid anns na Stàitean Aonaichte agus gum bi am prògram ùr suidhichte ann an Atlanta.[2] Dh’innis Eyeworks air 8 an Cèitean 2015, a’ chompanaidh a rinn a’ chiad dreach anns A' Bheilg, gun deigheadh an dreach ùr a chraoladh ann an 2015 air CW Television.[3] Bidh an sreath air a suidheachadh ann an Atlanta, a stiùireadh le Julie Plec agus a riochdachadh David Nutter. Cleachdar an tiotal "Containment" thall sna Stàitean.[4]