Inneal-fogharaidh
Coltas
(Air ath-sheòladh o Comh-bhuaineadair)
Is e a tha ann an inneal-fogharaidh beairt àiteachas siubhlach a bhuaineas 's a bhuaileas agus a ghlanas an sile às gach seòrsa arbhair, sìol-òla neo gràine cochallach. Tha iad 'gan draibheadh fhèin mar is trice ach chaidh an tarraing air cùlaibh thractaran o shean cuideachd.
Chan e buain (gearradh) a-mhàin a nì an t-inneal-fogharaidh ach trì gnìomhan fa-leth:
- Buain - gearradh an arbhair mar a tha e na seasamh 'san achadh
- Bualadh - Gus an tig a' ghràin a-mach às na diasan.
- Glanadh - A' roinneadh na gràine (a tha luachmhor) bhon fhodair agus bhon mholl.
Tha an diagram a leanas a comharrachadh ainmean buill na beairt:
1) Ruidhle 2) Gad chorragach 3) Bidhis trusaidh 4) Bann togail 5) Glac na cloiche 6) Druma Bualaidh 7) Ciste bualaidh 8) Carraigeach fhodair 9) Bòrd gràine 10) Gaotharan | 11) Criathar uachdar 12) Criathar ìochdar 13) Bann muill 14) Ath-bhualadh na muill 15) Bidhis gràine 16) Drabhailt gràine 17) Gearradair Muill 18) Bothag an atiùireadair 19) Caradair 20) Bidhis Libhrigidh 21) Iomaineach |