Jump to content

Coireall

O Uicipeid

'S e ainm Gàidhlig a th' ann an Coireall. [1][2] 'S e ainm baistidh fireann a th' ann. Chaidh cruth na Beurla a chur ris mar Caral[2] no Cyril[1].

Nochd an t-ainm seo ann an seann Ghaeilge mar "Cairell"[1]. Ged nach eil ceangal ann a thaobh freumh-fhaclachd, chaidh e eadar-theangachadh gu Beurla mar "Cyril".[1] Thàinig an ainm "Cyril" bhon ainm Ghreugach Κυριλλος (Kyrillos), agus 's e am facal κυριος (kyrios) "tighearna" am bun a tha aig an ainm seo.

Cruthan eile

[deasaich | deasaich an tùs]

Nochdaidh e cuideachd mar Caireall[2] [3][1] no Caorall[2].

Chithear an t-ainm Caoral cuideachd a thèid eadar-theangachadh gu Beurla mar Cyril.[3]

Tha Cuirealan na eug-samhail den ainm seo cuideachd[2] le Cyril mar cruth na Beurla air [3].

Faic cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 Hanks, Patrick; Hodges, Flavia (2003), Oxford Dictionary of First Names (2na deas.). Oxford: Oxford University Press. d.74; ISBN 0-19-860764-4
  2. 2.0 2.1 2.2 2.3 2.4 Akerbeltz:. "Ainmean". Làrach-lìn aig Sabhal Mòr Ostaig.{{cite web}}: CS1 maint: extra punctuation (link)
  3. 3.0 3.1 3.2 Mac an Tàilleir, Iain. "Ainmean Pearsanta" (faidhle docx). Sabhal Mòr Ostaig. d.13-14