Jump to content

Cnoc Fhaoighris

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°41′25″N 4°19′4″W / 57.69028°N 4.31778°W / 57.69028; -4.31778

Cnoc Fhaoighris
Location
Location
Cnoc Fhaoighris
Suidheachadh Cnoc Fhaoighris ann an Alba

'S e cnoc ann an Ros an Ear, Gàidhealtachd na h-Alba, a tha ann an Cnoc Fhaoighris, Beurla Fyrish. Tha e 1478 tròigh a dh'àirde, le carragh-cuimhne air a mhullach, air a thogail le Eachann Rothach (8mh Rothach Taigh an Fhuamair) ann an stoidhle Innseanach ann an 1782-83, ri fhaicinn air cùl Bhaile Eòghainn agus Alanais. Sin am mullach as àirde oighreachd Taigh an Fhuamhair.

A rèir eòlaiche ainmean-àite Rois is Chrombaidh, Uilleam MacBhatair, 's e ainm Lochlannach no Cruithneach a th' ann, chan e fear Gàidhlig no Albais. Tha slighe-coiseachd mhath ann,[1] agus seallaidhean farsaing gu Beinn Uais agus thairis air Linne Chrombaidh ri fhaighinn bhon mhullach.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. walkhighlands.co.uk - Fyrish Monument

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]