Jump to content

Cleachdaiche:Tè bheag/sandbox

O Uicipeid

Còmhlan Pìoba Mhuile agus Idhe

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha ochd pìobairean agus ochd drumairean anns' a chòmhlan pìoba an-diugh. Tha iad uile a' fuireach ann am Muile no Ì Chaluim Chille. Gach oidhche Mhàirt sa gheamhradh bidh iad a' dol thairis air puirt ùra ann an Talla Chreag an Iubhair. Tron t-samhradh bidh iad a' cluich aig tachartasan ann am Muile, ann an Ì Chaluim Chille agus air tìr-mòr.

Còmhlan Pìoba Mhuile agus Idhe, Faighir Bhun Easain, 4mh den Lùnastal 2017

Far a bheil iad a' cluich

[deasaich | deasaich an tùs]

Cèilidh Chòmhlan Pìoba, Ì Chaluim Chille

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha cèilidh aig a' chòmhlan pìoba ann an Talla a' Bhaile ann an Ì Chaluim Chille anns an Iuchar gach bliadhna. An dèidh a' chèilidh, tillidh luchd-cèilidh Mhuile gu Fionnphort ann an aiseag sònraichte agus bidh an còmhlan pìoba a' cluich air a' bhàta.