Cleachdaiche:Susan.nls/Ro-ràdh
Seo dreach air Ro-ràdh ùr a thèid an àite Ro-Ràdh. Faodar atharraichean a mholadh air an duilleag deasbaireachd.
Dè a th' ann an Uicipeid?
[deasaich | deasaich an tùs]'S e Uicipeid leabhar-eòlais saor an asgaidh a thathar a' sgrìobhadh leis na daoine a tha ga chleachdadh.
Dè nach eil ann an Uicipeid?
[deasaich | deasaich an tùs]Chan e Uicipeid gin de na rudan a leanas:
- Faclair (faic Wiktionary na Beurla no Wiktionary na Gàidhlig)
- Blog
- Pàipear-naidheachd
- Àite sanasachd
- Ùghdarras air a' chànan: Cha dèan Uicipeid co-dhùnaidhean air mar a bu chòir an cànan a bhith coltach. Faodar briathrachas ùr no teicneigeach a sgaoileadh tro mheadhan Uicipeid, le iomradh bho ùghdarras earbsach. (faic am Poileasaidh Cànain)
- Blàr-catha: Chan e làrach a th’ ann airson argumaidean pearsanta. Thathas an dùil ri co-obrachadh eadar gach cleachdaiche ann an dòigh-dhèiligidh mhodhail, sèimh agus reusanta. Faodar comhstrì a rèiteachadh le bhith modhail, gun chaothach agus gun a bhith toirt slaic do chleachdaichean eile. (faic am Poileasaidh Modh)
Ciamar a dh'fhaodas tu pàirt a ghabhail
[deasaich | deasaich an tùs]Lorg rudeigin a dh'fhaodas tu leasachadh agus dèan nas fheàrr e – mar eisimpleir
- cuir susbaint ris no cuir
- ceartachadh litreachadh, gràmar no gnàthasan-cainnte
- cuir dealbhan ris
- cuir iomraidhean a dhearbhas an susbaint ris na h-aistean.
Stiall ort gu cùramach dìcheallach. Nuair a bhios thu deiseil le deasachadh no mùthadh air duilleag, briog air Seall an ro-shealladh airson ur n-atharrachaidhean fhaicinn. Mura h-eil thu riaraichte leis mar a bhios an atharrachadh coltach air an duilleag, cum a' dol le atharrachadh eile. Ma bhios tu riaraichte leis na h-atharraichean, briog air Sàbhail na dh'atharraich thu an uair sin. Cuimhnichibh nach tèid agaibh air Uicipeid a bhriseadh – dh'fhaodhadh gach deasachadh a chur air ais mar a bha.