Jump to content

Cleachdaiche:Emain Macha/sandbox

O Uicipeid

Keir Starmer   Álvaro Pacheco Álvarez  

B' e tidsear, sgrìobhadair agus fear-deasachaidh a bh' ann an Alasdair Iain MacAsgaill (1922 - ?).[1]

B' ann à Bac, Leòdhas a bha e.

Eachdraidh-beatha

[deasaich | deasaich an tùs]

B'e ceannard na sgoile a bh'ann ann am Port Rìgh agus Callander.


Litreachas na Gàidhlig

[deasaich | deasaich an tùs]

Obair-deasachaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Dheasaich e Rosg nan Eilean (1966). Dheasaich e Luach na Saorsa (1970)

Dheasaich e leabhar bàrdachd Mhurchaidh MhicPhàrlain, An Toinneamh Dìomhair (1973)

Clàr-leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]

Fear-deasachaidh

[deasaich | deasaich an tùs]
  • MacPhàrlain, Murchadh. (1973) An Toinneamh Dìomhair: Na h-Òrain aig Murchadh MacPhàrlain, Bàrd Mhealaboist, deas. Alasdair Iain MacAsgaill (Steòrnabhagh: Gasaet Steòrnabhaigh)

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Thomson, Derick (1994): “Alex John Macaskill”, The Companion to Gaelic Scotland. Glasgow: Gairm, td. 160. 
  • MacPhàrlain, Murchadh. (1973) An Toinneamh Dìomhair: Na h-Òrain aig Murchadh MacPhàrlain, Bàrd Mhealaboist, deas. Alasdair Iain MacAsgaill (Steòrnabhagh: Gasaet Steòrnabhaigh)



Pàirt de Chaisteal Tantallon agus Creag nam Bathais ann an Lodainn an Ear
Location
Location
Caisteal Tantallon
Caisteal Tantallon

'S e tobhta agus caisteal a tha ann an Caisteal Tantallon.

Tha e suidhichte air chosta tuath Lodainn an Ear faisg air Bearaig a Tuath agus mu choinneamh Creige nam Bathais.

Tha e fo chùram na stàite o 1924.[1]

Eachdraidh a' Chaisteil

[deasaich | deasaich an tùs]

Thogadh Caisteal Tantallon mu mheadhan an 14mh linn, is dòcha le Uilleam, Ciad Iarla Dhubhghlais. 'S ann on àm seo a tha am balla-cùirteir mòr agus gabhaidh rian fhaicinn fòs air na tha air fhàgail de na trì tùir mhòra a bha ceangailte ris a’ bhalla.[1]

Mu 1402, chaidh an teaghlach Dubhghlas na dhà mheur: Dearg is Dubh. Bha na Dubhghlasaich Dearga stèidhichte aig Tantallon agus thug iad an tiotail Iarlaichean Aonghais orra fhèin. Cumhachdach agus glòir-mhiannach, chum iad ceann a' mhaide ri rìghrean na h-Alba 's iad ag atharrachadh an dìlseachd gu bitheanta. Thàinig an ciad dùbhlan an 1491 nuair a bha iad ri foill, a' dèanamh plana Seumas òg IV a thoirt don rìgh Shasannach. B' e freagairt Sheumais Tantallon a chur fo shèiste o thìr 's o mhuir.[1]

Ann an 1525 phòs an 6mh iarla banntrach Sheumais IV. Bha e an uair sin na oide aig Seumas V òg. Chum an t-iarla Seumas fo ghlais ann an Caisteal Dhùn Èideann gu 1528 nuair a theich an rìgh òg. Thug Seumas V an uair sin ionnsaigh air Tantallon. Phronn a fheachdan an caisteal fad 20 latha agus an dèidh làimh thàinig air an iarla dol air fògradh.[1]

Sgriosadh e le General Monck ann an 1651 agus cha do ath-thog e riamh. Tha e a' bhuineadh a-nis do dh'Alba Aosmhor.[2]

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Gavin Douglas, sàr-bhàrd Albannach, an seo.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 Mackay, Elspeth (2009): A' Rannsachadh Caisteal Tantallon. Àrainneachd Eachdraidheil Alba, td. 2. Air a thogail 29mh dhen Chèitean 2017. 
  2. Àrainneachd Eachdraidheil Alba: Tantallon Castle (Beurla). Air a tharraing 10 an t-Iuchar 2016.