Jump to content

Clash of Civilizations

O Uicipeid

Chaidh an aiste Clash of Civilizations, a sgrìobh Samuel Huntington, fhoillseachadh airson a chiad uair ann an 1993 mar freagairt ri leabhar a sgrìobh Francis Fukuyama am bliadhna roimhe: “The End of History and the Last Man”.

Bha Fukuyama ag ràdh gun robh bàs an t-Aonadh Sobhiat a' toirt eachdraidh mac-an-duine gu crìoch agus nach biodh anns an àm ri teachd ach dùthchannan deamocratach oir gun gabhadh a h-uile pàirt den t-saoghal ris an seòrsa “deamocratach libearal” a bhuineadh ris an t-saoghal Siarach.

Cha do ghabh Huntington ris an seo idir agus esan ag ràdh gun ro an comh-strì eadar siostaman poilitigeach a tighinn gu crìoch (agus an aontachadh le Fukuyama mu seo) ach nach ann ag atharrachadh gu dòighean deamocrach a bha an t-saoghal air fad idir ach a tilleadh gu suidheachadh far am biodh sìobhaltachdan mòra a strì an aghaidh a-chèile agus dh’ainmich e na Sìobhaltachdan agus na dùthchannan a bhuineadh riutha. Nam measg bha:

  • An t-Saoghal Siarach (USA, taobh Siar na Roinn Eòrpa)
  • An t-Saoghal Orthodox (Ruis, taobh Ear na Roinn Eòrpa)
  • An t-Saoghal Arabach/Muslamach
  • An t-Saoghal Sìneach (Sìona, Bhiet-Nam, Taiwan, Singeapòr etc)
  • An t-Saoghal Hionduthach (Innseachan, Neapàl etc)
Clash of Civilizations[1]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. "The World of Civilization". Archived from the original on 2007-03-12.

Huntington, Samuel P. (1993), The Clash of Civilizations and the Remaking of World Order, The Free Press, London: Simon $ Schuster. ISBN 0-7432-3149-X.