Clach theinnteach

O Uicipeid
Clach-ghràin, clach Phlutonach, le gràinnean mèinnireach
Basalt, clach bholcànach; tha na dathan a' sealltainn ciamar a bha an làbha a' ruith.
Thèid clach bholcànach a chruthachadh le làbha bho bheinn-theine

'S e seòrsa de chloich a tha ann an clach theinnteach. Còmhla ri clach chruth-atharrachail agus clach ghrùideach 's iad na trì prìomh roinnean-seòrsa de chlachan. Chaidh clach theinnteach a chruthachadh nan robh magma no làbha a' fàs fuar. Tha nas motha na 700 seòrsa eadar-dhealaichte ann, tha sin a' crochadh air far an deach iad a chruthachadh agus air an structar aca.

Tha dà sheòrsa ann a rèir an àite far a bheil sin a' tachairt:

  • Gheibhear clach Phlutonach ma bhios am fuarachadh a' dol ann am broinn na talmhainn. Mar is trice bidh magma a' tighinn bho chlachan eile a bha air an leaghadh air sgath 's gun robh an teas a' fàs nas àirde, no air sgàth 's gun robh am brùthadh a' dol sìos. Chìthear gràinnean mèinnireach leis na sùilean fhèin anns na clachan seo. Tha na beanntan mòra air an dèanamh à clach Phlutonach, mar as àbhaist à clach-ghràin.
  • Thèid clach bholcànach a chruthachadh air barr an talmhainn ma bhios làbha a' fàs fuar. Thàinig an t-ainm seo bho dhia an teine Ròmanach "Vulcanus".

Eisimpleirean[deasaich | deasaich an tùs]

Seo cuid de na clachan:

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: