Clach ghrùideach
'S e seòrsa de chloich a tha ann an clach ghrùideach. Còmhla ri clach chruth-atharrachail agus clach theinnteach 's iad na trì prìomh roinnean-seòrsa de chlachan.
Chaidh clach ghrùideach a chruthachadh le tasgaidhean de stuth air bàrr na talmhainn agus ann an uisgeadain. Chaidh a' ghrùid seo a dhèanamh le bleith-thalmhainn agus leis an aimsir agus an uair sin air a gluasad gu àite eile le uisge, gaoith, deidh no eigh-shruth. An uair sin bha gràinnean mèinnireach agus/no mìrean fàs-bheartach a' tuiteam air a' bhonn agus a' càrnadh.
Tha clach ghrùideach a' còmhdachadh a' chuid as motha de na mòr-thìrean. Chan eil ach 8% de thomhas-lìonaidh rùsg na Talmhainn air a dhèanamh às na clachan seo, tha a' chuid as motha à clach chruth-atharrachail agus clach theinnteach.
Chaidh clach ghrùideach na laighe ann am breathan. Tha na clachan fhèin agus na breathan cudromach do ghnìomhachas na togalach, mar eisimpleir airson rathaidean, taighean, drochaidean no tunailean a thogail. Gheibhear fiosrachadh mu eachdraidh na talmhainn cuideachd às a' phàtrain ciamar a tha na breathan nan laighe.
Air sgàth 's nach robh teas no brùthadh àrd a' gabhail pàirt ann an cruthachadh na cloiche grùidich lorgar mòran fhosailean anns a broinn. Mar sin tha sgrùdadh nan clachan a' toirt iomradh dhuinn mu sheann eachdraidh nam beathaichean. A bharrachd air sin 's e stòras nàdarra cudromach a th' ann cuideachd, mar eisimpleir gual no connadh-fosail.