Clach cuid fir
Tha clachan cuid fir cumanta air feadh na Roinn-Eòrpa a Tuath, gu h-àraidh Alba, Innis Tìle (far an canar steintökin riutha), Lochlann agus Sasainn a Tuath. 'S e clachan troma a tha annta mar is trice, gun snaidheadh agus 's e an dùbhlan a tha air daoine tè dhiubh a thogail gus an neart a shealltainn. Tha cuid dhiubh cho trom 's nach deach an togail ach ann am beul-aithris dhaoine. Chaidh an spòrs seo a chur ri co-fharpaisean World's Strongest Man o chionn ghoirid cuideachd.
Alba
[deasaich | deasaich an tùs]Clach cuid fir
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh clachan cuid fir a chleachdadh mar dhearbhadh neart fhear. Bhathar a' meas òganach na fhear nuair a rachadh aige air clach cuid fir a chinnidh fhèin a thogail gu chrios.[1]
Tha mòran ann a tha ainmeil, nam measg Clachan MhicGlaisein, Clach an Inbhir agus Clachan Gorma Dhail Mhaol Chiarain agus chaidh cuid dhiubh a chleachdadh ann an co-fharpaisean World's Strongest Man is Pure Strength a-mach o na 1980an.[2]
Tha Clachan Gorma Dhail Mhaol Chiarain ann an seann chill Dhail Mhaol Chiarain ann an Siorrachd Inbhir Àir.[3]
Clachan-ultaich
[deasaich | deasaich an tùs]'S e seòrsa eile de chlach a tha sa Chlach-ultaich a gheibhear ann an Alba. Tha tè dhiubh ann an Dùn Tuilm anns an Eilean Sgitheanach air a bheil Clach-ultaich Iain Ghairbh MhicGilleChaluim Ratharsair. Thathar ag ràdh gu bheil cuideam tunna innte.[4]
Dùthaich nam Basgach
[deasaich | deasaich an tùs]Tha togail chlachan na Spòrs dùthchasach Basgach cuideachd agus canar harri jasoketa ris. Tha iomadh seòrsa ann dheth, ach mar is trice cleachdar clachan cruinn no ceàrnagach. Tha aig daoine ri clach a thogail de chuideam sònraichte cho tric 's a ghabhas ann an ùine shònraichte air no clach throm a thogail aon turas gus reacord a bhriseadh.
Innis Tìle
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a' sònrachadh nan clachan seo nam buidhnean eadar-dhealaichte ann an Innis Tìle: fullsterkur ("làn neart") anns a bheil 155 kg (341 punnd), hálfsterkur ("leth neart") anns a bheil 104 kg (228.8 punnd), hálfdrættingur ("lagan") anns a bheil 49 kg (107.8 punnd) agus amlóði ("gun fheum") anns a bheil 23 kg (50.6 punnd) a chuideam. Nam biodh cuideigin airson falbh leis na fir a dh'iasgaich, b' fheudar dha an hálfdrættingur a thogail gu leac aig àirde a chrios aig a' char bu lugha. Tha seata dhiubh ann am baile Djúpalónssandur aig bonn Snæfellsjökull.
'S e Clach Husafell, anns a bheil 418 punnd a chuideam, aon de na clachan as ainmeile ann an Innis Tìle.
Giùlan chlachan
[deasaich | deasaich an tùs]Tha giùlan no coiseachd chlachan na spòrs Albannach is Tìleach far am bi aig daoine ri clachan a ghiùlan sìos achadh. Tha greimeannan-làimhe sna clachan seo agus feumar dhà dhiubh a ghiùlan cho fad 's a ghabhas, mar is trice mun cuairt air ceud troigh a dh'fhaid.
Ma bhios dithis no barrachd a' giùlan na h-aon chloiche, cleachdar clachan nas truime. 'S ann aig Geamannan Gàidhealach New Hampshire a ghiùlaineadh na clachan a bu truime gu ruige seo, paidhir de chlachan anns an robh 508 punnd (230 kg) a chuideam, beagan na bu lugha na 100 troigh (30 m) a dh'fhaid.
Thathar den bheachd gun do thòisich an spòrs seo nuair a bha aig na fireannaich ri clachan a thoirt air falbh gu cùirn à achaidhean.
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ https://web.archive.org/web/20110723142102/http://www.halfsquare.net/shetler_112306.php
- ↑ https://web.archive.org/web/20110723142102/http://www.halfsquare.net/shetler_112306.php
- ↑ Love, Dane (2009). Legendary Ayrshire. Custom: Folklore: Tradition. Auchinleck : Carn Publishing. ISBN 978-0-9518128-6-0 pp. 16 - 17.
- ↑ Dwelly, Edward (1911), Faclair Gàidhlig gu Beurla le Dealbhan/The Illustrated [Scottish] Gaelic-English Dictionary (4th ed.), Glasgow: MacLaren & Sons