Cisneros (Antioquia)
Cisneros
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Antioquia | ||||
Àirde | 1050m | ||||
Co-chomharran | 06 32' 18' Tuath 75° 05' 19' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 46 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 9,682 (2005) | ||||
Dlùths | 210.48/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile meadhanach agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) ann an Antioquia, Coloimbia,[1] a th’ ann an Cisneros. Tha e suidhichte aig 1,050m os cionn ìre na mara agus 88km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne, eadar Santo Domingo agus Yolombó. Tha teodhachd meadhanach dhe 30˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1910 le companaidh rèile.
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Tha 9,682 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 7,804 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cisneros, ach tha 1.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 89.7% dhe na daoine ann an Cisneros leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 55.5% nan dachaigh.[5]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Cisneros. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Clachain
[deasaich | deasaich an tùs]- Las Cruces
- El Paraiso
- El Pedrero
- Sabanalarga
- Santana
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ World Weather
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia