Cionn tSáile

O Uicipeid
Cionn tSáile
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Ceàrn Cúige Mumhan
Sgìre Contae Chorcaí
Co-chomharran 51° 42 27' Tuath
08° 31 50' Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 2,198 (2011)
Àireamh fòn + 353 21
Duilleag oifigeil Comhairle Chorcaigh

'S e baile beag agus port ann an ceann a deas Chontae Chorcaí, Cúige Mumhan, Èirinn a th' ann an Cionn tSáile.[1] Tha e suidhichte air Inbhir na h-Aibhne Bandan, 21km air falbh bho Chorcaigh, 177km bho Ghaillimh agus 238km bho Bhaile Átha Cliath, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha am baile beag seo uabhasach còrdte le luchd-turais an dà chuid bho thall thairis is bhon dùthaich seo fhèin. 'S turasachd agus iasgach a tha aig cridhe eaconomaidh a' bhaile.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chuir na Gall ruaig air na Spàinntich agus na Gàidheil ann an Cionn tSàile sa bhliadhna 1601, rud a dh'adhbharaich Teicheadh nan Iarla an ceann beagan bliadhna.[3] Thogadh daingneach an seo, air a bheil Dún Chathail neo Daingean Shearlais, ann an 1677 gus bacadh a chur air na Gàidheal.[4] Theich Rìgh Seumas tro Chionn tSàile an dèidh Cath na Bòinne ann an 1690 cuideachd. Chaidh an daingneach a thoirt air ais dha na Gàidheil an dèidh Cogadh na Saoirse ann an 1922.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Logainm
  2. Global Feed
  3. O’Driscoll’s
  4. Oidhreacht Éireann
  5. City of Newport