Jump to content

Chocontá (Cundinamarca)

O Uicipeid
Chocontá
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Cundinamarca
Sgìre Almeidas
Àirde 2655m
Co-chomharran 05° 09' 00' Tuath
73° 41' 00' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 301 km²
Àireamh-shluaigh 19,512 (2005)
Dlùths 64.82/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th’ann Chocontá neo Santiago de Chocontá. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 2,655m os cionn ìre na mara agus dìreach 75km air falbh bho Bhogotá, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 13˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1538.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus San Juan de Pasto. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige oir tha Naomh Seumas,[3] neo Santiago ann an Spàinntis uabhasach cudromach ann An Spàinn. Tha na h-ùghdarrasan ionadail dhen bheachd gur e ainm Chibcha a th'ann Chocontá, mar as àbhaist ann an Cundinamarca. Tha e a' ciallachadh Treabhadh a’ Chaidreamhaich Math.[4]

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 19,512 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, neo 10,292, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin. ‘s e pàtran àireimh-shluaigh traidiseanta a th’ann fhathast ann an Chocontá.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Chocontá, ach tha 14.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 91.1% dhe na daoine ann am Chocontá leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 16% dhe na dachannan.[7]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Chocontá. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaochail Michuá agus Saguamanchica an seo ann an 1490.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mapa na Roinnean
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. New Advent
  4. Fiosrachadh a' Chomhairle[dead link]
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Colombia Virtual
  7. Bileag fhiosrachaidh DANE
  8. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]