Caraidh
Coltas
Is e glac èisg a tha ann an caraidh, balla an cruth dubhan tha air an togail pàirt an astar thairis abhainn neo loch faisg air ceann an t-saile. Bithidh ceann a' bhalla fon sail aig làn na mara ach os cionn barr na mara aig làn an tràigh. Còmhla leis an sruth lìonaidh, snàmhaidh iasg a-steach ris an poll os cionn a' charaidh agus aig làn an tràigh glacar iad gu furasda.
Bha caraidhean gu math cumanta air taobh siar na Gaidhealtachd, agus chithear na tha air fàgail dhiubh gu math tric, ach chan eil mothan dhaibh air cumail an òrdugh 's an latha an diugh.