Cantàbria
Cur air cois | 1982 |
---|---|
Laoidh | Himno a la Montaña |
Dùthaich | An Spàinn |
Prìomh-bhaile | Santander |
Sgìre riaghaltais ionadail | An Spàinn |
Roinn-tìde | UTC+01:00, UTC+02:00 |
Faisg air an uisge | Cantabrian Sea |
Domhan-leud is -fhad | 43°20′0″N 4°0′0″W |
Puing as àirde | Peña Vieja |
Lowest point | sea level |
Oifis aig ceann an riaghaltais | President of Cantabria |
Ceannard an riaghaltais | María José Sáenz de Buruaga |
A’ gabhail a-steach | Central Library of Cantabria |
Crìoch còmhla ri | Prionnsachd Asturies, Castilla y León, Dùthaich nam Basgach |
Na bha roimhe | Province of Santander |
Language used | Spàinntis |
Occupant | Cantabrian people |
Làrach-lìn | http://www.cantabria.es/ |
Bratach | flag of Cantabria |
Gearradh-arm | coat of arms of Cantabria |
Economy of topic | economy of Cantabria |
OpenStreetMap zoom level | 10 |
Roinn-seòrsa an deilbh | Category:Views of Cantabria |
Category for maps or plans | Category:Maps of Cantabria |
'S e fear de na mòr-roinnean na Spàinne a tha ann Cantàbria (IPA: kan'taβɾja). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Santander a th' ann am prìomh-bhaile na roinne agus tha port-adhair ann siud cuideachd.[1] Tha Cantàbria aon-roinneil. 'S e Cantabria an 15mh cheàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 5,321 cilemeatair ceàrnagach, 1.27% na dùthcha. Anns a' bhliadhna 2009 bha 591,886 duine de shluagh ann,[2] le dlùths aig àireamh 111.2 duine gach km². ‘S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn ann an Cantabria. Tha i na coimhearsnachd fèin-riaghlaidh fo smachd an Parlamento de Cantabria. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Riaghlaidh aige.[3] Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha an Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[4]
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir. Anns an Spàinn tha mòran dhen bheachd - Joaquín González Echegaray nam measg[5] - gur ann à Kanto (Gàidhlig: clach) agus an t-iar-leaschanabr ann an t-seann cheiltis a th’ ann an t-aimn. Bheireadh sin Carraig dhuinn sa Ghàidhlig.[6] Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Canto (Gàidhlig: iomall)[7] leis gu bheil an sgìre faisg air a' mhuir. Bha àite eile ann am Breatainn air an robh Cantium. 'S ann à Ceiltis a tha mòran nan àinmean-àite san sgìre.[8]
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]Tha iadhtag ann, a bhuineas do Chantàbria, ann an ceann a tuath na roinne a-muigh Bizkaia. 'S e Valle de Villaverde an t-ainm a tha air.[9] Tha e na aite fa leth air sàilleabh gu bheil sliabh ann eadar an iadhtag sin agus an còrr dhen roinn. Chan eil ach 336 duine a' fuireach ann.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Verdenorte
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Parlamento de Cantabria
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ González Echegaray, Joaquín (1993). Editorial Estudio, ed. Los Cántabros, Santander, ISBN 84-87934-23-4.
- ↑ Tovar, Cantabria prerromana, 18; J.M. Solana Sáinz, Los cántabros y la ciudad de Iuliobriga, Santander, 1981
- ↑ D.E. Evans, “Some Celtic forms in cant-”, Bulletin of the Board of Celtic Studies 27, 197678, 243-245; A.L.F. Rivet and C. Smith, The place names of Roman Britain, Lunnainn, 1979, 298299.
- ↑ Linguistic Strata in Ancient Cantabria: The Evidence of Toponyms, CURCHIN L. A., University of Waterloo, Canada
- ↑ Cantarbria 102 Municipios
Ceangal a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]Andalusia • Aragón • Asturias • Na h-Eileanan Balèarach • Na h-Eileanan Canàrach • Cantàbria • Castilla-La Mancha • Castilla y León • Catalòinia • Co-chomann València • Dùthaich nam Basgach • Extremadura • A' Ghàilis • Madrid • Melilla • Murcia • Nafarroa • La Rioja • Ceuta