Calicut

O Uicipeid
Calicut anns a' bhliadhna 1572

Is e port mara de Cearala, na h-Innseachan, a tha ann an Calicut a tha na laighe aig 75° 47' Ear, 11° 15' Tuath.

Bha Calicut na cathair malairt air leth bheartach anns an 15mh linn. B' e Calicut am prìomh phort Innseach air an do rinn Bhasco da Gama air a' chiad bòidse do na h-Innseachan ann an 1498.

Chuir na Portagailich ionnsaigh air a' bhaile an 1509, ach chaidh an iomain air ais dà thrup. Stèidhich na Frangaich Ionad malairt aig Calicut an 1698, a mhair sìos gu na 1930an. Fhuair na Breatannaich seilbh air a' bhaile an 1792 agus chum na Breatannaich greim air mun d'fhuair na h-Innseachan saorsa an 1948.