Jump to content

Vasco da Gama

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Bhasco da Gama)
Vasco da Gama
Viceroy of the Portuguese Provinces of India (en) Translate

5 dhen t-Sultain 1524 - 24 dhen Dùbhlachd 1524
Duarte de Meneses (en) Translate - Henrique de Meneses (en) Translate
Beatha
Breith Sines (en) Translate, 1469
Dùthaich Rìoghachd na Portagaile
Bàs Kochi (en) Translate, 24 dhen Dùbhlachd 1524
Àite-adhlacaidh Manachainn Jerónimos
Eaglais Santa Engrácia
Eaglais Naomh Frangan
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (Mailèiria)
Teaghlach
Athair Estêvão da Gama
Màthair Izabel Sodre
Cèile Catarina de Ataíde (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Cànain Portagailis
Dreuchd
Dreuchd taisgealaiche, world traveler (en) Translate, maraiche agus oifigear a' chabhlaich
Ìre Àrd-mharaiche
Creideamh
Òrd Franciscans (en) Translate

B' e taisgealaiche, seòladair is àrd-mharaiche às a' Phortagail a bha ann Vasco de Gama. Rugadh e mu 1469 aig Sines, port beag ann an Roinn Alentejo. Chosnaich e ainm maraiche gal dha fhèin tràth na bheatha.

Ann an 1497 thill Bartolem Diaz chun na Portagail as deidh bòidse a bha air chuairteachadh Ceap nan Stoirm. Chuir Rìgh João roimhe tuilleadh rannsachadh a dhèanamh, ach b' e an ath rìgh, Manoel am Fortunach a chuir an iomairt air coise. Chaidh a thaghadh Da Gama a bhith os cionn a' ghnàthach agus air 8mh Iuchair 1497 dh'fhàg e Lisbon le ceithir luing agus 160 daoine. Cha do lorg iad gaoth fàbharach agus chaidh ceithir mìosan seachad mus an do ràinig iad Bàgh Naoimh Eilidh. Air cuairteachadh a' cheap agus air cuir sìos cor agus aon ar-a-mach ràinig iad Melinda tràth an 1498. Is ann an sin a lorg Da Gama paidhleat Innseanach agus sheòl e air adhart dhan ear-thuath a' ruigsinn Calicut air 20mh Chèitein 1498.

Bha Zamorin (Righ) na Calicut mì-earbsach de na h-Eòrpaich aig an toiseach agus an greis chaidh e calg dìreach nan aghaidh. Aig a' cheann thall b' fheudar do Da Gama a shabaid a slighe a mach as a' Chala. Bhuannaich a chabhlach air ais gu Lisbōa 's an t-Sultain 1498, a' lorg fàilte mhòr agus urram dhan Admiral. Cho luath 's a b' urrainn dha dh'ullaich Manoel cabhlach de 13 luingean fo stiùir de Pedro Alvarez Cabral agus chaidh an cuir a mach le òrdughan a stèidhich colonaidhean Portugach anns na h-Innseachan. Sheòl Cabral ro fhada dhan iar agus (air an slighe gus na h-Innseachan) lorg e oir Bhraisil.

Chaidh Da Gama a mach gu Innse da thrup eile, an 1502-03 agus 1524-25. Air an treas sgrìob dh'eug e gu h-obann aig Cochin an Dùbhlachd 1525 [1].

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Chambers Encyclopedia, New Edition, Dùn Èideann, 1935