Còmhlan Pìoba an Eilein Sgitheanaich
Ro-ràdh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha fichead 's a trì pìobairean agus dà dheug drumairean anns a’ chòmhlan pìoba an-diugh. Gach oidhche Mhàirt, bidh an còmhlan ag ionnsachadh puirt ùra sa Gheamhradh agus fad na miosan samhradh cluichidh iad sìos na sràidean ann am Port Rìgh. Nuair a bhios seo a’ tachairt bidh tòrr luchd turais is daoine bho thimcheall an Eilein a' tighinn a-mach airson taic a chur ris a' chòmhlan. Tha an cadadh aig an còmhlan an t-Eilean Sgitheanach.
Daoine sònraichte
[deasaich | deasaich an tùs]'S iad seo na daoine a tha an cois a' chòmhlain:
Drum Major Peter MacDonald Pipe Major Alan Mackenzie Pipe Sergeant Eilidh Beaton Pipe Corporal Ali K Macpherson Drum Sergeant Emma Beaton Drum Corporal Michael Matheson
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Còmhlan-pìoba an Eilein Sgitheanaich a chur ri ceile ann an 1920 le Post Maighstir Uilleam MacBhatair. ‘S e Còmhlan-pìoba Phort Rìgh an t-ainm a bh’ air agus nas motha na sin cha robh aodach ceart aca aig an àm seo, ach bha iad fhathast a’ cluich a h-uile oidhche Disathairne, bhiodh iad a’ caismeach bho an talla cruinneachaidh agus timcheall Port Rìgh. Cheannaich iad aodach ceart ann an 1932, bha a chuid bu mhotha dhen chomhlan air a bhith ann an cogadh no fhathast san arm mar sin bha fios aca mar a chuireadh iad orra èideadh aireamh a h-aon le cadadh Macdomhnaill a Slèite. Stad a chòmhlan nuair a bha an dàrna cogaidh a dol air adhart, ach thòisich e a-rithist air an dàrna latha den mhàrt 1961 tro Eóghann MacCoinnich a bha na phìobaire san ‘Queens own Cameron Highlanders’ (Na piobearan a stiùir na saigheardan dhan blàr) agus Cornel Jock a bha na chathraiche comataidh airson Port Rìgh. ‘S e bha seo nuair a chaidh an t-ainm a chaochladh gu Còmhlan-pìoba an Eilein Sgitheanaich oir thòichish buill a’ tighinn bho air feadh an Eilean. Chuir na buill-tùsail an èideadh orra air an achadh bhlàir nuair a chaidh iad dhan Dàrna Cogadh mar sin milleadh nas motha den èideadh. B’fheudar dhaibh èideadh ùr a cheannach, dh’atharraich iad an cadadh oir cha robh iad ag iarraidh gu mì-mheas na saighdairan. Thug cadadh Camshronach Erracht oir b’e sin an cadadh a bha ga chleachdadh ann an ‘Queens own Cameron Highlanders’.Fhuair an Còmhlan-pìoba maoineachadh bho ‘The services of Corporal Urquhart’ ann an 1962 airson dà drumair dheug a theasasg. Bha na leasanan seo gan toirt dhaibh tro George Stoddart. Cuideachd, thòisich Cornel Jock leasan pìobaireachd ann an Port Rìgh agus thòisich buill-chòmhlan eile leasanan ann an diofar aiteachan airfeadh an Eilein airson òigrigh dhìoghrasach. Thug tòrr cloinne iad agus dh’ fhàs an còmhlan thairis air na bliadhnaichean. Bha an Còmhlan uabhasach làidir ann an 1980 leis anleithid de chluicheadairean màth a bh’ ann. Chaidh iad airson a’ chiad turais dhan Roinn Eòrpa ann an 1990 gu fèis anns a Ghearamailt. Bha iomadh turais aca an dèidh sin gu diofar àiteachan timcheall na Roinn Eòrpa. Thug seo dòchas dhan seann dualchas is chuir e beatha dhan còmhlan-ionadail. Bha na leasanan seo uabhasach cudromach ann an eachdraidh pìobareachd an Eilein Sgitheanaich oir thairis air na bliadhnaichean bha tòrr phìobairean màth a’ tighinn bhon an Eilean agus tha a h-uile rud a’ ceangail air ais gu Cornel Jock.
Co-fharpaisean
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh sinn dhan a' chiad co-fharpais an-uiridh. Bha e an European Pipe Band Championships ann am Farrais. Thàinig sinn anns an treas àite ann a' chiad cuairt agus deich àite anns an dàrna cuairt. Bha sinn uabhasach toilichte mu dhiedhinn seo oir bha e a' chiad àm anns an eachdraidh den chòmhlan a chaidh sinn gu co-fharpais.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Làrach-lìn an còmhlain, Isle of Skye Pipe Band (Beurla)
European Championships, European Championships (Beurla)