Càrn an Tuirc
Càrn an Tuirc | |
---|---|
Càrn an Tuir bho thaobh an iar | |
Àirde (m) | 1019 |
Àirde (tr) | 3343 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Bràigh Mhàrr |
Mapa cumadh-tìre | Ordnance Survey Landranger 43 |
Comharradh-clèithe | NO17438046 |
'S e beinn faisg air Bràigh Mhàrr ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a tha ann an Càrn an Tuirc. Tha e 1019 meatair a dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann.
Tha an t-ainm a' toirt iomradh air torc a bha ga shealg an sin.[1]
Tha a' bheinn suidhichte dìreach 2.5 km san ear den rathad A93, mu 11km san deas de Bhràigh Mhàrr agus mu 4km san ear thuath de dh'ionad-sgìthidh Ghleann Sìth. 'S e an dòigh as luaithe a bhith a' tòiseachadh bhon rathad A93 agus a' dìreadh bho thaobh an iar na beinne. Dh'fhaodadh a ceangal le Càrn na Claise, Glas Maol agus Creag Leacach[2], agus fiù 's leis an dà bheinn rothaich san iar, Tolmount agus Tom Buidhe.
'S e àrd-chlàr mòr a th' anns an sgìre sin, agus chìthear luchd-sgìthidh a' mhonaidh air, a bharrachd air luchd-sgìthidh air an ionad-sgìthidh air na beanntan faisg air làimh. Gheibhear seallaidhean air àrd-chlàr a' Mhonaidh Ruaidh a Deas Loch na Gàir agus beanntan a' Mhonaidh Ruaidh a Tuath.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d.176
- ↑ Càrn an Tuirc air Walkhighlands