Brunete

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Brunete
Escudo de Brunete.svg
Gearradh-arm
no Seula
Vista aérea Plaza Mayor de Brunete.jpg
Brunete (Madrid) mapa.svg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Spain.svg An Spàinn
Ceàrn Flag of the Community of Madrid.svg Madrid
Sgìre Flag of the Community of Madrid.svg Madrid
Co-chomharran 40° 24 00' Tuath
03° 59 37' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 48.95 km²
Àireamh-shluaigh 10,347 (2016)
Dlùths 211.38/km²
Àireamh fòn + 34 91 815
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile meadhanach faisg air Madrid ann an cridhe na Spàinne a th’ ann am Brunete (IPA: bɾuˈnete). Tha e suidhichte eadar Navas del Rey agus Boadilla del Monte, aig 653m os cionn ìre na mara,[1] shuas anns na Beanntan Guadarrama. Chan eil am baile seo ach 25km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, far a bheil mòran a tha a' fuireach ann ag obair.[2] Tha 10,347 daoine a’ fuireach ann.[3] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn ann am Brunete.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

B' e Ròmanaich a chruthaich am baile o chionn còrr is dà mhìle bliadhna.[4] Bha am baile ann an teis-mheadhain Cogadh Sìobhalta na Spàinne agus thachair cath uabhasach fuilteach an seo. Chaidh am baile air a' mhilleadh. [5]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Aemet
  2. Distancias entre Ciudades
  3. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  4. Brunete Turismo
  5. ABC

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]