Brot Cuilinn

O Uicipeid

'S e brot tiugh Albannach a tha ann am brot Cuilinn (Beurla Ghallda: Cullen Skink). Tha e air a dhèanamh de dh'adagan Fhionndan, buntàta is uinneanan. Thathar 'ga ithe aig toiseach dhìnnearan mar is trice.

Tha am brot seo sònraichte do dh'Inbhir Cuilinn, baile ann am Moireibh ann an ear-thuath na h-Alba.

Eachdraidh an ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Tha pàirt dhen ainm Albais (Cullen) air a thogail on ainm-àite Ghàidhlig ach tha a' phàirt eile, skink a' tighinn on Mheadhan-Duitsis. 'S e lurgann, cnuidhean no iosgaid mairtfheola ciall an fhacail seo san Albais ach ghabh e ris a' chiall brot nuair a dh'fhàs am brot ainmeil ann an Alba. B' e lurgann, iosgad ciall an fhacail seo sa Mheadhan-Duitsis[1], facal a tha aig bun an facail Bheurla shank cuideachd.

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Robinson, M. (ed) The Concise Scots Dictionary, Aberdeen University Press 1985

Ceanglaichean dhan taobh a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]