Breabach

O Uicipeid
Breabach
folk music group
Cur air cois2005 Deasaich
Work period (start)2005 Deasaich
Genrecontemporary folk music Deasaich
Country of originRìoghachd Aonaichte Deasaich
Làrach-lìnhttps://www.breabach.com/ Deasaich

'S e còmhlan-ciùil Albannach a th' ann am Breabach. Thòisich an còmhlan ann an 2005.[1] Ann an 2011, fhuair iad molaidhean airson 'Còmhlann as Fheàrr' aig an dà chuid a' BBC Radio 2 Folk Awards agus aig na Scots Trad Music Awards (Na Trads)[2] Choisinn iad 'Còmhlan-ciùil na Bliadhna' aig na Trads ann an 2012[3] an duais 'Live Act' ann an 2013.

Buill[deasaich | deasaich an tùs]

'S iad na buill:

Calum MacCrimmon (a' phìob agus feadain)[deasaich | deasaich an tùs]

Cheumnaich MacCrimmon le urram bhon Royal Scottish Academy of Music and Drama. Tha e an-dràsta na bhall de Breabach, Mans Ruin, The Unusual Suspects, Seudan agus RTK9000. Bho 2004 gu 2008, bu e an co-stiùiriche ciùil/neach-oide airson Còmhlan-pìoba Òigridh Nàiseanta na h-Alba.

Megan Henderson (an fhìdheall)[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann às a' Ghearasdan a tha Megan Henderson. Dh'imrich i à Ghlaschu ann an 2007 gus ionnsachadh aig an Royal Scottish Academy of Music and Drama. Chluich i cuideachd le Salsa Celtica.

Ewan Robertson (giotàr, cajon)[deasaich | deasaich an tùs]

Thog Robasdan ùidh ann an giotàr agus òrain Ghàidhlig nuair a bha e aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd. Choisinn e an duais 'Neach-Ciùil òg na Bliadhna' bho BBC Radio Scotland ann an 2008.

James Duncan Mackenzie (a' phìob, bouzouki)[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann à Bac ann an Leòdhas a tha Mackenzie. Cheumnaich e le ceum le urram on Royal Scottish Academy of Music and Drama. Bha e a' cluich leis a' Còmhlan-phìoba Scottish Power fad dà bhliadhna.

James Lindsay (double bass)[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann à Inbhir uraidh ann an Siorrachd Obar Dheathain a tha Lindsay. Cheumnaich e le urram ann an 2011 bho Oilthigh Srath Chluaidh ann an Glaschu.

Clàran[deasaich | deasaich an tùs]

  • The Big Spree (2007)
  • The Desperate Battle of the Birds (2010)
  • Bann (2012)
  • Ùrlar (2013)
  • Astar (2016)
  • Frenzy of the Meeting (2018)

Tachartasan[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an còmhlan air nochdadh aig tachartasan leithid Fairport's Cropredy Convention, Fèis Ciùil an Eilein Sgitheanaich, Shrewsbury Folk Festival, an Edinburgh Fringe agus WOMAD. Tha iad air lèirmheasan fhaighinn ann an iomadach foillseachaidhean a' gabhail a-steach Songlines, fRoots agus An t-Albannach.[4]

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]