Botoșani

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Botoșani
ROU BT Botosani CoA.svg
Gearradh-arm
no Seula
Colaj Botoşani.jpg
Botosani jud Botosani.png
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Romania.svg Romàinia
Ceàrn Stema judetului Botosani.svg Botoșani
Co-chomharran 47° 44 46' Tuath
26° 39 58' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 41 km²
Àireamh-shluaigh 106,847 (2011)
Dlùths 2,606.02/km²
Àireamh fòn +40 02 31
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile meadhannach eadar Bălți agus Suceava, air an àirde an ear-thuath Romàinia a th' ann am Botoșani (IPA: ˈbotoˈʃanʲ). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Dresleuca, aig 170m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Botoșani. Tha 106,847 duine a' fuireach ann.[1]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann às an t-sloinneadh Botaș agus an t-iar-leasachan Romàinis -ani 's a th'ann an t-ainm. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1439. Thogadh eaglais Airmeinianach an seo an an 1626. Bhuinneadh am baile agus an sgìre mu timcheall air gu Moldobha fad 500 bliadhna, bho 1359 gu ruige 1859. Thàinig na ciad Iùdhaich gu Botoșani anns an 17mh Linn. B' ann uabhasach fhèin soirbheachail 's a bha iad agus, anns an 19mh Linn, bha coimhearsnachd Iùdhach a' bhaile a-measg an fheadhainn na bu mhotha ann am Moldobha air fad. Gu mì-fhortunach, fhuair iad fìor dhroch làimhseachadh bhon nabaidhean Crìostaidhean agus thachradh aimhreit nan aghaidh bho àm gu àm.[2] Ann an 1930 bha 11,840 Iùdhaich nan tàmh ann, seach 36% muinntir a' bhaile. Chuir an deachdaire Ion Antonescu mòran dhuibh thall thairis gu Transnitria far a chaochail grunn daoine. Chan eil ach 125 Iùdhaich ann am Botoșani an latha an-diugh. Thuit Botoșani gu feachdan Aonaidh Sobhiataich air 28 am Màrt 1944.

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Institutul Național de Statistică
  2. JVL
  3. George Călinescu, La vie d'Eminescu, Univers, Bucharest, 1989.