Jump to content

Blàr Dhùn Chailleann

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Blàr Dhùn Chaillinn)
Cathair Dhùn Chaillinn, far an do rinneadh sabaid fuilteach air 21mh Lùnasdal 1689

Air 21mh Lùnasdal 1689 thug rèiseamaid Gallta nan Cameronians, a bha a' seasamh chòirichean Rìgh Uilleim, buaidh air na h-ionnsaighean a rinneadh le na Seumasaich air a' bhaile, agus chaidh ruaig callmhor a chuir air na fineachan Gàidhealach.

Na lean chun a' bhlàir

[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an ar-a-mach nan Seumasach, 1689-90, bha na Seumasaich às dèidh buaidh a thoirt aig Cath Raon Ruairidh, Coille Chnagaidh, air an 27mh latha dhen Iuchar 1689. Ach ged bu bhuaidh-làrach e, chaill iad an ceannard buadhmhor Iain Greumach Chlaverhouse, no Clèabhars. Bha iad a-nise fo chomannd oifigich Èireannaich an Còirneal Cannon. Bha esan fada gun gluasad a dhèanamh, ach air meadhan an Lùnasdal 1689 rinn 5,000 fear-cinnidh Gàidhealach adbhanns deas a dh'ionnsaigh Dhùn Chaillinn.

Dùn Chailleann na bhaile-daingneach

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha am baile air a dhìon le rèisimeid Iarla Aonghais, a bha air ùr-chruthachadh air Galltachd na h-Alba; bha a' chuid nach bu bheag dheth de luchd-leantainn Ridseard Chamshroin, cùmhnantair a rugadh ann am Fìobha agus a chaidh a mharbhadh le feachdan Theàrlaich II an 1680. Rè ùine, chaidh an t-ainm Cameronians a bhuileachadh orra, mar chuimhneachan airsan; cha robh buinteanas aig an rèisimeid seo do Chlann Chamshron, a bha a' sabaid air taobh nan Seumasach. Bha na Cameronians fo chomannd Uilleim Chlelland, cùmhnantach iomraiteach a rugadh an Dubhghlas, Siorramachd Lannraig. A chionn 's nach robh balla-dìon a' cuairteachadh a' bhaile, rinn na saighdearan gallta daingneach dhe mheadhan a' bhaile mu thimcheall na h-eaglaise.

Chaidh ionnsaidh a thoirt air a' bhaile le na fineachan Gàidhealach tràth sa mhadainn air an 21mh. Às dèidh ceithir uairean a thìde de shabaid guineach fuileachdach am measg thaighean is sràidean a' bhaile, fhuaradh làmh-an-uachdair le na saighdearan gallta (ged a chaidh an ceannard-feachd Clelland a mharbhadh) agus rinn na Seumasaich an ratreut tuath. Bha iad air 300 fear a chall ann an sabaid a leithid ris nach robh iad cleachdte.

  • Chaidh arm nan Seumasach a bhristeadh aig Dùn Chailleann; cha do rinneadh ionnsaigh eile leotha san ar-a-mach. Agus air a' chiad latha dhen Chèitein 1690, chaidh na bha air fhàgail dhiubh a ruagadh aig Blàr Chromdàil, Srath Spè.
  • Ach bha buil nas leantainnich aig Blàr Dhùn Chaillinn. Lethcheud bliadhna às dèidh a' Chùmhnant Nàiseanta, bha an creud pròstanach agus an eaglais clèireach a-nise tèarainte mar chreideamh na dùthcha.