Jump to content

Coille Chneagaidh

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Coille Chnagaidh)
Coille Chneagaidh

'S e baile beag agus bealach ann an Siorrachd Pheairt is Cheann Rois a tha ann an Coille Chneagaidh neo Coille Chreithnich (Beurla: Killiecrankie). [1] Tha e ri taobh Abhainn a' Ghearaidh ann an Siorrachd Pheairt, 4 mìltean tuath 'san Iar Thuath bho Baile Cloiche Righ. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 44′ 38″ Tuath agus 3° 46′ 38″ Iar.

Tha "Rathad Mòr a' Ghàidhealtachd" de Seanailear Wade (1732) a' dol tron bhealach mar a tha Rathad-iarainn na Gàidhealtachd (1863). Tha slèibhtean casa, còmhdaichte le coilltean daraich air gach taobh na h-Aibhne, agus do bhrìghe casad nan slèibh, thogadh an rathad-iarainn air fiadotto. Nuair a chaidh ath-leasachadh air an rathad mòr (A9 T) anns na 1980'n chuireadh an rathad ur air fiadotto co-shìnte nas fhada suas an t-slèibh.

Tha Coille Chneagaidh ainmeil cuideachd airson cath, 's an d'fhuair Claverhouse leòn a' bhàis. Ach bha an cath aig Raon Ruairidh faisg air Coille Chneagaidh.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 71, Pàrlamaid na h-Alba

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NN 913 628