Jump to content

Bidean nam Bian

O Uicipeid
Bidean nam Bian

Bidean nam Bian
Àirde (m) 3,772
Àirde (tr) 1,150
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Bidean nam Bian is located in Alba
Bidean nam Bian
Bidean nam Bian (Alba)
Suidheachadh Gleann Comhann
Mapa cumadh-tìre Landranger 41
Comharradh-clèithe NN14375421

'S e beinn mhòr no aonach ann an Gleann Comhann air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Bidean nam Bian. Tha druim fada aige, a tha a' sìneadh bhon iar-thuath dhan ear-dheas, agus tha ceithir mullaichean air: Bidean nam Bian (1,150m) agus Stob Coire Sgreamhach (1,072m) air an druim, agus 's e Beanntan Rothaich a th' anns na dhà, agus Stob Coire an Lochain agus Stob Coire nam Beith san tuath den druim. Tha a' bheinn san deas air an rathad A82 tro Ghleann Comhann. Dh'fhaodadh gun robh an t-ainm a' tighinn bho thùs bho Bhidean nam Beann.[1].

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bhon rathad A82 agus a' dìreadh tro Coire an Lochan, suas dhan druim. Bidh a' mhòrchuid a' dìreadh an dà Bheinn Rothaich agus a' cromadh tro Coire Gabhail, The Lost Valley sa Bheurla[2].

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Buachaille Èite Mòr, An t-Aonach Eagach, Beanntan Ceann Loch Lìobhann, Beinn Nibheis, Loch Lìobhann agus am Blackwater Reservoir.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Drummond, Peter 1991: Scottish Hill and Mountain Names. Scottish Mountaineering Trust. d. 23
  2. Bidean nam Bian air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: