Belém
Coltas
Belém
| |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | |||||
| Co-chomharran | 01° 27 21' Deas 48° 30 14' Iar | ||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 1,059.40 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 1,439,561 (2010) | ||||
| Dlùths | 1,358.85/km² | ||||
| Àireamh fòn | (55) 91 | ||||
'S e baile mòr faisg air an eilean Marajó ann am Braisil a th' ann am Belém (IPA: beˈlẽj, Gàidhlig: Betlehem). Tha e suidhichte ann an cridhe na roinne Phará, faisg air na h-aibhnichean Pará agus Amasoin, dìreach aig ìre na mara,[1] 1,524km air falbh bho Rio de Janeiro, 1,498km bho Phetrópolis agus 913km bho Bhrasilia, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1616 le Francisco Caldeira Castelo Branco ann an àite air an robh Guaçu Paraná ann an Tupinambás. Tha 1,439,561 a' fuireach ann an latha an-diugh.[3] Rinn an sagart agus diadhair Leonardo Boff òraid chudromach mun àrainneachd dhan Treas Fòram Diadhaireachd agus Saoradh na Cruinne an seo ann an 2009.[4]
