Beinn na Srèine
Co-chomharran: 56°23′50″N 6°07′25″W / 56.39719°N 6.12361°W
Beinn na Srèine | |
---|---|
Àirde (m) | 521 |
Àirde (tr) | 1709 |
Àirde rinneach (m) | 376 |
air liosta | Marilyn |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Muile |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (48) OS Explorer (373 375W) |
Comharradh-clèithe | NM456304 |
'S e beinn ann an Alba a th' ann am Beinn na Srèine. Tha e suidhichte ann am Muile iar air Coirc Bheinn is a' Bheinn Mhòr. Tha e 521m (1709 troigh) de dh'àirde.[1] Air mullach na beinne chithear càrn a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde. 'S e Marilyn a th' ann. 'S e Beinn na Srèine màthair-mhullaich de Chreach Bheinn tha e suidhiche san iar.
Thèid beanntan na h-Alba a chur ri chèile ann an liostaichean sònraichte a rèir àirde agus àirde rinneach mullach na beinne. Canar Beinn Rothaich, Murdo, Marilyn, Donald, Graham neo Corbett riutha. Tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach agus an uair sin thèid na tomhasan a chruinneachadh ann an liostaichean a tha rim faighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[2] Bho àm gu àm nì iad ath-sgrùdadh mu àird na beinne, agus rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air Beinn na Srèine san 2 an Gearran 2013.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Hill Bagging (Beurla)
- ↑ Database of British and Irish hills (Beurla)