Beinn na Croise
Co-chomharran: 56°21′19″N 5°57′06″W / 56.355163°N 5.951643°W
Beinn na Croise | |
---|---|
Mullach Beinn na Croise | |
Àirde (m) | 503 |
Àirde (tr) | 1650 |
Àirde rinneach (m) | 250 |
air liosta | Marilyn |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Muile |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (48) OS Explorer (375W) |
Comharradh-clèithe | NM559251 |
'S e beinn ann an Alba a th' ann am Beinn na Croise. Tha e suidhichte ann am Muile deas air an rathad A849 agus iar air Loch Fuaran. Tha Loch Buie san ear-dheas agus Beinn Bhuidhe air an iar-thuath. Tha e 503m (1650 troigh) de dh'àirde.[1] Tha mullach na beinne gu ìre mhòr rèidh agus tha cuid lochan ann. Tha càrn ann a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde. 'S e Marilyn a th' ann.
Thèid beanntan na h-Alba a chur ri chèile ann an liostaichean sònraichte a rèir àirde agus àirde rinneach mullach na beinne. Canar Beinn Rothaich, Murdo, Marilyn, Donald, Graham neo Corbett riutha. Tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach agus an uair sin thèid na tomhasan a chruinneachadh ann an liostaichean a tha rim faighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[2] Bho àm gu àm nì iad ath-sgrùdadh mu àird na beinne, agus rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air Beinn na Croise san 28 an Dàmhair 2001.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Hill Bagging (Beurla)
- ↑ Database of British and Irish hills (Beurla)