Beinn a' Tuath
Co-chomharran: 57°17′58″N 7°12′13″W / 57.299451°N 7.203667°W
Beinn a' Tuath | |
---|---|
Sliabh an iar Beinn a' Tuath agus an seann laimhrig-mhòr. | |
Àirde (m) | 128 |
Àirde (tr) | 420 |
Àirde rinneach (m) | 67 |
Màthair-mhullaich | Hecla |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Uibhist a Deas |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (22) OS Explorer (453S) |
Comharradh-clèithe | NF867352 |
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann am Beinn a' Tuath.
Suidheachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha i suidhichte ann an taobh an ear Uibhist a Deas. Tha i na laighe tuath air Beinn Ghot. San ear-thuath tha Rubha Heallacro ann agus san iar-dheas chithear Gleann Mile-feala.Tha Beinn a' Tuath 128m (420 troigh) de dh'àirde.[1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 20 am Faoilleach 2012.[2] Tha an àirde rinneach de 67m a' sgaradh Beinn a' Tuath bho na beanntan eile agus 's e Hecla a mhàthair-mhullaich. Chan eil dad sònraichte air a mullach a tha a' comharrachadh a' phuing as àirde. [1]
Tha Beinn a' Tuath na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne. Ach tha slighe ann a leanas timcheall air a' bheinn bhon seann laimhrig-mhòr le stòr-thaigh[3] ann am Mol a Tuath gus bathair a thoirt don taigh-solais air taobh an ear-dheas na beinne.[4] Chaidh an taigh-solais a thogail le D. is T. Stevenson ann an 1857. [5] Faisg air an taigh-solais tha Uamh Dubh nan Sgogaich suidhichte aig cois Beinn a' Tuath.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Hill Bagging Air a tharraing air 16 an Cèitean 2016 (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help) - ↑ Canmore ID 316359: Mol a Tuath
- ↑ Lighthouse/Ushinish aig Northern Lighthouse Board
- ↑ Canmore ID 172200 Ushinish Lighthouse