Beinn Ghot

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°17′34″N 7°12′40″W / 57.292846°N 7.211042°W / 57.292846; -7.211042

Faic cuideachd Beinn Ghot, Tiriodh
Beinn Ghot
Àirde (m) 177
Àirde (tr) 581
Àirde rinneach (m) 128
Màthair-mhullaich Hecla
air liosta HuMP 1
Suidheachadh
Beinn Ghot is located in Alba
Beinn Ghot
Beinn Ghot (Alba)
Suidheachadh Uibhist a Deas
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (22)
OS Explorer (453S)
Comharradh-clèithe NF862345

'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann am Beinn Ghot.

Suidheachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha i suidhichte ann an taobh an ear Uibhist a Deas. Tha i na laighe eadar Beinn a' Tuath agus Beinn a' Deas agus iar air Rubha Roiseal. Tha Beinn Ghot 177m (581 troigh) de dh'àirde.[1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 21 an Dubhlachd 2012.[2] Tha an àirde rinneach de 128m a' sgaradh Beinn Ghot bho na beanntan eile agus 's e Heclaa mhàthair-mhullaich. 'S e HuMP a th' ann.

Chan eil dad sònraichte air a mullach a tha a' comharrachadh a' phuing as àirde.[1] Tha Beinn Ghot na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne. Air taobh an iar na beinne, faisg air Abhainn Luachrach, tha càrn ann air a bheil an t-ainm Gro Ghot. Chaidh an càrn a thogail ann an Linn an Umha.[3]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 Hill Bagging Air a tharraing air 16 an Cèitean 2016 (Beurla)
  2. Database of British and Irish Hills”. Làrach-lìn. Air a thogail 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
  3. Canmore ID 10143: Gro Ghot

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]