Beinn a' Ghràig
Co-chomharran: 56°27′45″N 5°59′36″W / 56.462567°N 5.993248°W
Beinn a' Ghràig | |
---|---|
Àirde (m) | 591 |
Àirde (tr) | 1939 |
Àirde rinneach (m) | 186 |
air liosta | Marilyn |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Muile |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (47 48) OS Explorer (374E 375W) |
Comharradh-clèithe | NM541372 |
'S e beinn ann an Alba a th' ann am Beinn a' Ghràig. Tha e suidhichte ann am meadhan Eilean Mhuile. Tha Beinn nan Gabhar is Beinn Fada air an iar-dheas agus tha Loch Bà san ear-thuath. Tha e 591m (1939 troigh) de dh'àirde.[1] 'S e Marilyn a th' ann.
Thèid beanntan na h-Alba a chur ri chèile ann an liostaichean sònraichte a rèir àirde agus àirde rinneach mullach na beinne. Canar Beinn Rothaich, Murdo, Marilyn, Donald, Graham neo Corbett riutha. Tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach agus an uair sin thèid na tomhasan a chruinneachadh ann an liostaichean a tha rim faighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[2] Bho àm gu àm nì iad ath-sgrùdadh mu àird na beinne, agus rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air Beinn a' Ghràig san 28 an Dàmhair 2001.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Hill Bagging (Beurla)
- ↑ Database of British and Irish hills (Beurla)
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Mullach na beinne