Jump to content

Beinn a' Deas

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°17′01″N 7°12′59″W / 57.283626°N 7.216382°W / 57.283626; -7.216382

Beinn a' Deas

Sealladh air Beinn a' Deas bho Hecla
Àirde (m) 105
Àirde (tr) 344
Àirde rinneach (m) 54
Màthair-mhullaich Hecla
Suidheachadh
Beinn a' Deas is located in Alba
Beinn a' Deas
Beinn a' Deas (Alba)
Suidheachadh Uibhist a Deas
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (22)
OS Explorer (453S)
Comharradh-clèithe NF858335

'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann am Beinn a' Deas.

Suidheachadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha i suidhichte ann an taobh an ear Uibhist a Deas deas air Beinn Ghot. Aig ceann an ear-dheas Beinn a' Deas tha Nicolson's Leap ann, sgeir creagach glè fhaisg air a' chosta. Is toil le daoine le kayak a' dol eadarra. Iar air an àite seo tha Rubha Bhilidh ann far an deach 16 a mharbhadh nuair a chaidh am bàta-luatha "DE FRANCE" à Bergen, Nirribhidh, dh'ionnsaigh na tràgha san 17 an Gearran 1887.[1] Nas faide chun an iar, faisg air Bàgh Ùisinis chithear tobhtaichean taigh-chruinn à linn a' chàlbhain.[2]

Tha Beinn a' Deas 105m (344 troigh) de dh'àirde.[3] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 20 am Faoilleach 2012.[4] Tha an àirde rinneach de 54m a' sgaradh Beinn a' Deas bho na beanntan eile agus 's e Hecla a mhàthair-mhullaich. Chan eil dad sònraichte air a mullach a tha a' comharrachadh a' phuing as àirde.[3] Tha Beinn a' Deas na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Seirbhis Arc-eolas nan Eilean Siar ID 13781: De France[dead link]
  2. Canmore ID 10144: Roundhouse
  3. 3.0 3.1 Hill Bagging Air a tharraing air 16 an Cèitean 2016 (Beurla)
  4. "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla). {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]