Beinn Dòbhrain
Coltas
Beinn Dòbhrain | |
---|---|
Beinn Dòbhrain, sealladh bhon taobh a deas | |
Àirde (m) | 1,076 m |
Àirde (tr) | 3,530 tr |
Àirde rinneach (m) | 332 m (1,089 tr) |
Màthair-mhullaich | Beinn a' Chreachain |
air liosta | Beinn Rothaich, Marilyn |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Earra-Ghaidheal agus Bòd, Alba |
Sreath bheanntan | Am Monadh |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 50; Explorer 377E |
Comharradh-clèithe | NN325378 |
'S e beinn ainmeil a tha ann am Beinn Dòbhrain (Beurla: Beinn Dorain). Tha e faisg air Drochaid Urchaidh anns na beanntan Earra-Ghaidheal. Tha i 1,076 m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann.
Sgrìobh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir an dàn na b' ainmeile aige mu Bheinn Dòbhrain:
"Moladh Beinn Dòbhrain"
- An t-urram thar gach beinn
- Aig Beinn Dòbhrain;
- De na chunnaic mi fon ghrèin,
- 'S i bu bhòidhche leam…
Tha an teacsa slàn ri fhaighinn air loidhne ann an leabhar a chruinnich trì òrain a chaidh a sgrìobhadh san 17mh is 18mh linn[1]: Luinneag Mhic Leòid le Màiri nighean Alasdair Ruaidh, Birlinn Chlann Raghnaill le Alasdair mac Mhaighstir Alasdair agus Moladh Beinn Dòbhrain le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir fhèin.
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Macleod, Angus (1933): Sar orain: three Gaelic poems. Glaschu: An Comunn Gàidhealach, td. 143-162. Air a thogail 13mh dhen Ghearran 2021.