Bayezid II

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Bayezid II
Sultan II. Bayezit.JPG
sultan Impireachd nan Otomanach

1481 - 1512
Mehmed an Ceannsaiche - Selim I
Beatha
Breith Didymoteicho, 3 dhen Dùbhlachd 1447
Dùthaich Impireachd nan Otomanach
Bàs Istanbul, 26 dhen Chèitean 1512
Teaghlach
Athair Mehmed an Ceannsaiche
Màthair Emine Gülbahar Hatun, Mükrime Hatun
Cèile Ayşe Hatun
Şirin Hatun
Nigar Hatun
Gülruh Hatun
Gülbahar Sultan
Ferahşad Hatun
Bülbül Hatun
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Rìgh-shliochd nan Otomanach
Dreuchd
Creideamh
Creideamh Ioslam
Tughra of Bayezid II.JPG

B' e ochdamh ceannard na Osmanlı Devleti/Osmanlı İmparatorluğu (Gàidhlig: Impireachd nan Otomanach) a bh' ann am Bayezid II (ainm eile: Bayezid-ı sānī, Dimetoka 3 an Dùbhlachd 1447 - Çorlu 26 an Cèitean 1512).[1] B' e a' chiad mac Mehmed II agus Gülbahar Hatun a bh' ann. Bha e os cionn na dùthcha bho 1481 - 'S ann coltach gun do mharbh e athair le stuth puinnseanta ann an Gebze - gu ruige 1512 nuair a chaochail e fhèin. B' fheudar dha shabaid an dà chuid an aghaidh corra dhuine taobh a-staigh na h-Impireachd aige (a bhràthair Cem agus feadhainn eile) agus Venezia agus Iran taobh a-muigh. An dèidh bhliadhnaichean rinn e a chùis air feachdan Venice anns na Peloponnese.[2] An dèidh gun do chuireadh na h-Iùdhaich agus na Muslamaich a-mach às An Spàinn, b' e Bayezid II a thug iad dhan Impireachd aige, far an robh iad nan tàmh fad linntean gus an tàinig Hitler dhan chumhachd sa Ghearmailt. Rinn Bayezid II droch chàineadh air Fernando à Aragon: Esan a tha an rìoghachd aige a' fàgail bochd is an rìoghachd agam fhìn a' beairteachadh![3] Chuir na h-Iùdhaich piseach air eaconomaidh na stàit agus nochd teicneolas air feadh na h-Impireachd agus b' e linn an òir do chultair nan Iùdhach a lean na rinn Bayezid II.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. All About Turkey
  2. Ochsenwald, W., & Fisher, S. (2003). The Middle East: A History. New York: McGraw-Hill.
  3. History of Information