Barpa Langais
Tha Barpa Langais 'na chàrn seòmarach à Linn Ùr na Cloiche ann an Uibhist a Tuath. Tha e mu 72 troigh troimhe, mu 18 troigh a dh'àirde agus mu 5,000 mìle bliadhna a dh'aois.[1] Tha dà leac anabarrachd mòr sa mhullach agus tè eile os an cionn.
Tha an doras a-steach an an taobh sear. Ged a tha cuid dhen bharpa air tuiteam, ruigear aon seòmar dheth fhathast. Bha an t-àrsaiche Erskine Beveridge dhen bheachd gu bheil co-dhiù aon seòmar eile ann, 's dòcha trì dhiubh uile gu lèir. Rinn an Dr Beveridge tochladh rannsachaidh ann ron bhliadhna 1911, an dà chuid am broinn a' bharpa agus mun cuairt air agus fhuaras fianais air tòrraidhean loisgidh agus obair-chriadha (feadhainn le pàtranan orra), luaithre fiodha, cnàmhan loisgte, ceann-saighde de chlach-theine, sgrìoban agus pìos talca le toll troimhe.[2]
Tha Barpa Langais aig NF838657 (57°34′14″N 7°17′30″W / 57.57056°N 7.29167°W). Ruigear e a' coiseachd on A867 mu 5 mìltean san ear-dheas air Loch nam Madadh. Air neo o Thaigh-òsta Langais, le ceum a-null gu tursachan Phoball Fhinn agus an uairsin cuairt Bheinn Langais agus a-null gu Barpa Langais.
Faic cuideachd
[deasaich | deasaich an tùs]- Cladh Hàlainn - làrach à Linn an Umha ann an Uibhist a Deas