Baranoa

O Uicipeid
Baranoa
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Atlántico
Àirde 118m
Co-chomharran 10° 47' 44' Tuath
74° 55' 10' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 127 km²
Àireamh-shluaigh 51,571 (2005)
Dlùths 406.07/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile beag agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) faisg air Caracolí ann an Atlántico, Coloimbia,[1] a th’ ann am Baranoa. Tha e suidhichte aig 118m os cionn ìre na mara agus 20km air falbh bho Bharranquilla, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd mheadhanach dhe 27.4˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1543.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha  42,840 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 51,571 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. ‘S e pàtran-sluaigh gu math àbhaisteach a tha seo. Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid nan daoine ann am Baranoa, ach tha 14.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga agus 7.5% Tùsanaich ann.  'S urrainn do 92.1% dhuibh leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig16.8% nan dachaigh.[5]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail iomadh seòrsa fhèis ann am Baranoa. Chithear fèilltean  Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[6]  fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Climate Data
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag-fiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-muigh[deasaich | deasaich an tùs]