Balla Mòr Shìona

O Uicipeid
Balla Mòr Shìona faisg air Badaling

Thathar a' meas gur i aon obair cho iongantach a th' ann am Balla Mòr Shìona 's a rinn mac an duine riamh. Tha e tòiseachadh aig a’ mhuir air an taobh an ear agus a leantainn air taobh tuath is iar-thuath na dùthcha fad còrr is 6, 700km (4,160 mìltean).

An dàrna h-iongnadh air an t-saoghal?[deasaich | deasaich an tùs]

'S fìor iongantach ciamar a chaidh a chur suas ann an cuid de na h-àiteachan uabhasach anns am bheil am balla seo na sheasamh gu daingeann o chionn còrr is dà mhìle bliadhna. Uime sin, ma theirear gur h-iad Barr-chaoil na Èipheit an t-iongnadh as motha a th' air an t-saoghal, faodar a ràdh gur e Balla Mòr Shìona an dara h-iongnadh.

Tuairisgeul[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e air a thogail sa chuid as motha air cloich, 's air cloich-chrèadha, agus tha tùir air a mhullach astar goirid o chèile. Bha e mar sin air dòigh 's nan cuirte dragh air freiceadain aon tùir gum b' urrainn freiceadain an da thùir a b' fhaisge tighinn gan cuideachadh. Anns gach àite a bha furasta do nàmhaid a ruigsinn, bha daingnichean làidir air an togail. Ann an àiteachan tha am balla dùbailte, agus ann an corra àite trì-fillte, ach faisg air a cheann an iar dheth chan eil ann ach dùn mòr talmhainn. Tha e ann an cuid a dh'àiteachan a' dìreadh 's a' teàrnadh chreagan is bheanntan àrda.

Tha e air a thogail le balla tana cloiche air gach taobh dheth, agus eadar an dà bhalla air a lìonadh le talamh, air dhòigh 's gun saoileadh duine gum bu chlach air fad e. Tha a chuid ìosal dheth air a dhèanamh de chlachan mòra, agus mu shia troighean bhon làr tha a chlach-chrèadha a’ tòiseachadh agus a leantainn dh'ionnsaigh a mhullaich. Tha am mullach air a chòmhdach le leacan tana mar air cabhsair sràide. Tha na tùir uile mu dhà fhichead troigh a dh'àirde, agus tha am balla ri ghabhail thar a chèile mu fhichead troigh bho làr gu mullach; tha e nas ìsle na sin air na beanntan agus nas àirde na sin anns na glinn. Tha araon am balla 's na tùir nas leithne gu h-ìosal na tha iad gu h-àrd, agus tha geatachan air am fosgladh trompa dh'ionnsaigh nam bailtean air gach taobh.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chuireadh am balla mòr seo suas leis na Sìonaich mu dhà cheud bliadhna mun do rugadh Crìosd, airson an nàimhdean, na Tartaraich a chumail a-mach; ach an dèidh an saothair uile, fhuair na Tartaraich a-staigh agus thug iad fo chìs iad.

Eile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha am Balla Mòr Shìona dìonta leis an UNESCO cuideachd mar Làrach Dhualchas na Cruinne.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: