Baile Sheumais
Coltas
Baile Sheumais | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Ros an Ear |
Co-chomharran | 57° 34′ 22.26″ 4° 32′ 56.15″ |
Comharradh-clèithe | NH476565 |
Feartan fiosaigeach | |
Còd-puist | IV14 9 |
'S e baile ann an Siorrachd Rois a th' ann am Baile Sheumais (Beurla:Jamestown).[1] Tha e suidhichte mu mhìle (1.5 km) deas air Srath Pheofhair. Tha Inbhir Pheofharain timcheall air 4 mìle (6 km) san ear-thuath. Tha Baile Sheumais na laighe eadar Loch Ussie agus Loch Kinellan. Ann an 1961 bha 52 duine a' fuireach an seo.[2]
Tha tobhtaichean seann eaglaise ann an ceann an ear a' bhaile. Chaidh an eaglais a thogail ann an 1844 agus an-diugh tha i clàraichte air liosta nan togalaichean clàraichte, roinn-seòrsa B.[3] Iar-tuath air a' bhaile chithear "Blar Na Pairce", àite far an do thachair cath eadar na Dòmhnallaich agus Clann MhicCoinnich ann an 1491.[4]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Baile Sheumais/Jamestown”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
- ↑ “Jamestown” (Beurla). Gazetteer for Scotland. Air a thogail 11mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ “JAMESTOWN, FORMER FREE CHURCH MANSE” (Beurla). Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 11mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ “Blar Na Pairce” (Beurla). Clàr den Àrainneachd Eachdraidheil. Air a thogail 11mh dhen Iuchar 2017.