Appenzell
Coltas
Appenzell
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Eilbheis | ||||
Roinn Eilbheiseach | Appenzell Innerrhoden | ||||
Cànan | Gearmailtis | ||||
Co-chomharran | 47° 19 51′ Tuath 09° 24 31′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 16.88 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 5,649 (2009) | ||||
Dlùths | 334.66/km² | ||||
Àireamh fòn | + 41 71 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.appenzell.org |
‘S e baile beag air an àirde an ear-thuath na h-Eilbheis a th’ ann an Appenzell (Eadailtis: Appenzello). ‘S ann às an Laideann Abbatis Cella (Gàidhlig: Cill an Aba) a th’ann an t-ainm. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1071. Tha e suidhichte aig 787m os cionn ìre na mara[1] ri taobh na h-aibhne Sitter, anns an roinn (Gearmailtis: Kanton) Appenzell Innerhroden, dìreach 65km air falbh bho Zürich, 277km bho Ghenève agus 154Km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 5,649 duine a’ fuireach anns a’ bhaile. ‘S e Gearmailtis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Appenzell.