Jump to content

Aonghas Steafan Peutan

O Uicipeid
Aonghas Steafan Peutan
Beatha
Breith Siùdaig Mhòr, 1888
Dùthaich  Canada
Bàs 1967
Dreuchd
Dreuchd saor agus seinneadair
Inneal-ciùil guth

Rugadh Aonghas Steafan Peutan ann an 1888, ann an Rear Little Judique (St Ninian), agus thogadh e an siud cuideachd. B' e seo an sloinneadh teaghlaich aige air fad: Aonghas Steabhan mac Aonghais ’ic Alasdair ’ic Aonghais ’ic Aonghais ’ic Dhòmhnaill ’ic Alasdair an Sgitheanaich. ’S e Aonghas, ogha Alasdair an Sgitheanaich (agus na shinn-sinn-seanair do dh’Aonghas Steafan) a ghluais a Cheap Breatann ann an 1901, còmhla ri a bhean Iseabal a thàinig à Loch Abar ann an Alba o thùs.

Na dhuine òg, shiubhail Aonghas Steafan a dh’iomadh àite agus fhuair e obair ann an siud ’s ann an seo, mar bu trice na shaor. Ach, às dèidh greis, bhiodh e ag obair cuideachd air rathaidean-iarainn CPR na neach-coimhid. Ged a bha e air an sgoil bheag aig Glencoe Station fhàgail le foghlam foirmeil bunaiteach a-mhàin, chuireadh e luach mòr air ionnsachadh an-còmhnaidh, agus faodar a ràdh gur e duine fèin-fhoghlaimte a bh’ ann. Mar sin, na inbheach òg, is e ag obair gu cruaidh, chùm e air leis an fhoghlam aige fhèin, a’ frithealadh chlasaichean oidhche gus na sgilean a bhiodh feumail dha na obair a leasachadh – a leithid dealbhachaidh – ach a bharrachd air sin rachadh e gu clasaichean a bhiodh cuideachail dha chomasan sgrìobhaidh. Na b’ anmoiche na bheatha, bhiodh seo uabhasach feumail dha. Chaidh a thogail dhan arm ann an 1918 ach bha cead àiteachaidh aige fad aon bhliadhna agus thàinig an cogadh gu crìch mus tàinig e gu bhith an sàs anns an arm. Ann an 1922, is esan 34 bliadhna a dh’aois, phòs Aonghas Steafan Catrìona, aig an robh sinnsireachd a lean air ais gu Eilean Eige, taobh deas air an Eilein Sgitheanaich. Cheannaich iad tuathanas ann am Port Hood agus thog iad teaghlach an siud.

Fad a bheatha, bha meas mòr aig Aonghas Steafan air òrain Ghàidhlig, agus air a’ chànan fhèin. Nuair a bhiodh e a’ siubhal agus ag obair air falbh bhon taigh, ann am Maine no ann am Boston, air neo nuair a bha e a’ frithealadh clasaichean oidhche ann an New York, bhiodh a shùilean fosgailte an-còmhnaidh, is e a’ sireadh leabhraichean de dh’òrain Ghàidhlig agus, às dèidh dha leabhar de leithid sin a cheannach, mar bu trice bhiodh e a’ sgrìobhadh càite agus cuin a cheannaich e e. Tha an cruinneachadh seo fhathast ann an taigh a mhic, ann an cèis-leabhraichean a rinn Aonghas Steafan fhèin dhaibh. Ged a bha e den bheachd nach robh guth làidir aige, agus mar sin nach do ghabh e òrain ann an cuirmean poblach, bhiodh Aonghas Steafan daonnan a’ seinn – an dà chuid airson spòrs agus ach am b’ urrainn dha na faclan a chumail na chuimhne.

Cha robh àite sam bith anns a’ choimhearsnachd air an robh ‘Taigh Cèilidh’, ach gun teagamh fear dhe na h-àitichean far am biodh daoine a’ coinneachadh a bh’ anns an taigh Aonghais Steafain, agus sam biodh iad a’ cabadaich, ag aithris sgeulachdan agus a’ gabhail òran. Deigheadh tòrr Gàidhlig a bhruidhinn agus tòrr a sheinn. Bhiodh iomadh raconteur an làthair, ruigeadh seinneadairean matha, agus thigeadh daoine le stòras de shloinntearachd nan inntinn. Gu tric, bheireadh an fheadhainn a thàinig botal den ghealaich ghil leotha, agus gu do-sheachanta bhiodh hòro-gheallaidh aca. ’S e seo an suidheachadh anns an tigeadh tional Aonghais Steafain gu bith.

A bharrachd air a dhìorrasachd a thaobh nan òran, bha buadhan eile aig Aonghas Steafan a fhreagair gu math don obair seo: ged a chòrdadh còmhradh ris gu mòr, ’s e duine sàmhach a bh’ ann na nàdar – ’s dòcha gun abradh iad ‘deagh neach-èisteachd’ ris anns an là a tha ann; gu follaiseach, bha cuimhne air leth math aige; ach ’s e an tàlant a chomharraich e mar dhuine sònraichte – mì-choltach ris a’ mhòr-chuid anns na làithean sin – gun robh comas leughaidh agus sgrìobhaidh anns a’ Ghàidhlig aige. Bhiodh na h-ìrean litearrais a bh’ aige ceangailte ris na clasaichean oidhche anns a’ Bheurla a rinn e ann an Eabhraig Nuadh na dhuine òg, is e a’ leasachadh nan sgilean fhèin; ach a rèir choltais bhiodh a chomas sgrìobhaidh anns a’ Ghàidhlig an crochadh na bu dlùithe air an sgrùdadh mhionaideach a dhèanadh e air na leabhraichean de bhàrdachd Gàidhlig a chruinnicheadh e is e a’ siubhal bho àite gu àite. Bhiodh comasan tuigse agus bruidhinn na Gàidhlig aig iomadh caraid dha, agus bhiodh comas leughaidh gu ìre aig cuid, ach bu tearc an comas sgrìobhaidh anns a’ chànan. Mar thoradh air sin, bha fhios aig gach duine a bhiodh a’ frithealadh nan cèilidhean anns an taigh aige, nan robh òran ann a chòrdadh ris, gum b’ urrainn do dh’Aonghas Steafan a sgrìobhadh sìos dha. Le òran mar sin, dhèanadh Aonghas Steafan dà lethbhreac: fear don duine a dh’iarr e, agus fear eile dha fhèin. Bhiodh deasbadan ann gu tric am measg nan daoine a bha an làthair mu dheidhinn nam facal ‘ceart’.

Anns an tional a tha seo, tha 241 de dh’òrain rin lorg uile-gu-lèir, agus tha lethbhric de 155 dhiubh ann an Ionad nam Peutanach. Nochdaidh iad uile ann an làmh-sgrìobhadh sgiobalta, so-leughadh Aonghais Steafain. Air sgàth ’s gun robh e cho measail air òrain Ghàidhlig, tha feadhainn sa chruinneachadh a chaidh ath-sgrìobhadh à pàipearan-naidheachd agus à leabhraichean. Gu follaiseach, chaidh feadhainn – a leithid ‘Eilean Sgitheanach nam Buaidh’, le Tormod Dòmhnallach – a dhèanamh air taobh eile a’ chuain, ach chaidh a’ mhòr-chuid a dhèanamh ann an Ceap Breatann: tha pìosan ann le Iain an Sealgair, Aonghas Y. MacLellan agus Ailean an Rids.

Bho àm gu àm, chuireadh Aonghas Steafan caochladh notaichean an lùib faclan nan òran – cuid dhiubh goirid agus cuid caran fada. Gu tric, bidh iad seo a-mach air cò às a thàinig an dàn, agus uaireannan sònraichidh iad am fonn ris am bu chòir an t-òran a sheinn. Tha cuid gu tur sa Bheurla, m.e.

This song was composed by Angus Y MacLellan when Angus L MacDonald became Premier of Nova Scotia in 1933.

Uaireannan, thèid an dà chànan a mheasgachadh:

Air fonn “Come Through the Heather”

Aig deireadh an òrain eirmsich ‘Urnuigh a Ghobhainn’, anns a bheil cunntas air gobha is e ag ùrnaigh an deigheadh a h-uile each buaireasach a thoirt gu gobha eile airson a chruidheadh, agus gus am biodh gach neach-ceannaich a’ pàigheadh a fhiachan gu luath dha, nochdaidh an nota seo:

Nuair a chaidh mi do’n cheardach sa mhadainn bu mhor m’ ioghnadh mo mhaighstir fhaighinn air a ghluinean am measg iaruinn is treallaich a dha uilinn air an innean is e ’g urnuigh mar a leanas. Angus Y.

Gu soilleir, ’s e seo an ro-ràdh dhan òran a bhiodh a’ nochdadh air thoiseach air, .i. am bàrd, Aonghas Y. MacLellan, a’ mìneachadh co-theags sgeulachd an dàin.

Tha cuid de na h-òrain gu math ionadail, is iad a’ dèiligeadh ri cùisean sa choimhearsnachd. Canaidh an nota ro aon dàn gur e ‘Song for Stephen Graham Judique on his one hundred birthday’ a bh’ ann, agus canaidh nota eile gun deach ‘Caoidh’ a dhèanamh ‘... by Donald MacLennan Port Hood for his wife who died in 1923 and buried up in Port Hastings air fonn “Will ye no come Back again”’.

An toiseach, thuig an t-Oll. Iain Seathach a thuig cho cudromach ’s a bha tional Aonghais Steafain Pheutain. Tràth sna seachdadan fhuair e cead dà lethbhreac a dhèanamh – an dàrna fear do leabharlann Oilthigh Naoimh Fransaidh Xavier, agus am fear eile do dh’Ionad nam Peutanach ann an Oilthigh Cheap Breatann.