Aodh

O Uicipeid

'S e ainm Gàidhlig a th' ann an Aodh[1][2] no Aoidh[3]. 'S e ainm baistidh fireann a th’ ann. Mar as trice cha chuirear an t-ainm seo don Bheurla, ach uaireannan thèid Aodh eadar-theangachadh gu Beurla mar Hugh[1][2], ged nach eil iad ceangailte a thaobh freumh-fhaclachd.

Bunachas[deasaich | deasaich an tùs]

Thàinig an t-ainm Aodh bhon ainm "Áed" ann an seann Ghaeilge. Tha sin a' ciallachadh teine. Bha an t-ainm seo gu math cumanta anns na seann làithean ann an Èirinn, gu h-àraid a-measg nan rìghrean agus ann am miotas-eòlas Èireannach.[4].

Cruthan eile[deasaich | deasaich an tùs]

Canar cuid gur e Ùisdean eug-samhail eile airson Aodh a bhios ann[3].

Nochd an t-ainm Aodh cuideachd mar Áed, Áedán, Áedh anns an t-seann Ghaeilge. An-diugh chuireadh cruth Bheurla mar Aden, Aidan, Aiden, Aydan, Ayden air[4].

'S e Aodhán ainm meanbhach air Aodh [5].

Chithear an t-ainm Aoidhean cuideachd[2], a rèir cuid 's e eug-samhail eile ann airson Aodh [6].

Daoine air a bheil an t-ainm Aodh[deasaich | deasaich an tùs]

Ainmean-àite[deasaich | deasaich an tùs]

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 Mac Farlane, Malcom (1912): “The School Gaelic Dictionary prepared for the use of learners of the Gaelic language”. E. Mackay. d.143
  2. 2.0 2.1 2.2 Mac an Tàilleir, Iain: “Ainmean Pearsanta”. Sabhal Mòr Ostaig (faidhle docx). d.12
  3. 3.0 3.1 MacLeod, Rev. Norman & Rev. Daniel Dewar, A Dictionary of the Gaelic Language in Two Parts, 1831, d.1006
  4. 4.0 4.1 Behind the name - Aodh
  5. Behind the name - Aodhán
  6. All baby names