Jump to content

Annie Laurie

O Uicipeid

'S e òran ainmeil Albannach a th' ann an Annie Laurie, ris an canar Maxwelton Braes cuideachd. Seo eadar-theangachadh dheth a rinneadh sa Ghàidhlig le Aonghas MacGilleathain Sinclair.[1]

ANNA BHÒIDHEACH. (Annie Laurie)

Tha bruachan Mhacsuel àluinn,
Mu'n laigh gu tràth an driùchd;
's an sin thug Anna bhòidheach
An gealladh dhomhs' nach muth;
An gealladh dhomhs' nach muth;
Air chuimhne bidh mar bha;
'S airson Anna bhòidhich, fhìnealt'
Gu'n rachainn fhìn gu bas.

Mar shneachd' tha 'mala mhalda,
Mar eal' a bràghad fionn;
'S a h-aghaidh 's i a's briagha
Air 'n d' sheall a ghrian bho thus,
Air 'n d' sheall a ghrian bho thus,
'S a sùil tha dubh-ghorm tlàth;
'S airson Anna bhòidhich, fhìnealt'
Gu'n rachainn fhìn gu bas.

Mar dhriùchd a tigh'nn air neòinean
Tha teàrnadh foil a ceum;
'S mar osnaich caoin ghaoth shamhruidh
Tha binn ghuth m' annsachd sèimh;
Tha binn ghuth ra' annsachd sèimh;
'Se 'n saogh'l gu leir dhomh 'gràdh;
'S airson Anna bhòidhich fhìnealt'
Gu'n rachainn fhìn gu bas.

A. McL. S.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. McL. S., A. (20mh dhen Lùnasdal 1892): “ANNA BHÒIDEACH,” ann an: Mac-Talla, leabhar 1, àir. 13, td. 4. Air a thogail 25mh dhen Fhaoilleach 2024.