Driùchd

O Uicipeid
Driùchd air duilleig

'S e tachartas na h-aimsire far a cho-dhlùthaicheas taisead san adhar ann an boinnealaich nuair a thuiteas an teòthachd gu h-obann agus e a' beantainn rudan a tha fuar a th' ann an driùchd (Gaeilge: Drúcht)

Canamaid gu bheil siostam ann le teodhachd àraidh, agus gu bheil brùthadh an deataich agus na stàitean lionna agus gas ann an cothroman air a bheil brùthadh an deataich.[1] Thèid brùthadh deatach na sàthachd suas fhad's an tèid teodhachd an t-siostaim, air a bheil an dàimh Clausius-Clapeyron: Chan e feart an adhair a th' ann an sàthachd.[2] Anns an àile, 's ann air adhar tioram agus deatach an uisge (ris an canar adhar) a tha e stèidhichte. 'S e an aon rud a th' ann teodhachd an deataich agus teodhachd an uisge lionna, air sàilleabh gu bheil an t-adhar ann an cothrom. 'S e puing na driùchd a chanar ris an teodhachd nuair a bhios an siostam loma-làn. Ma ruigeas an siostam an teodhachd seo, a tha os cionn 0°C, chithear driùchd agus, ma ghabhas stàit na h-àile, chithear ceò cuideachd.

Daonnan chithear driùchd nuair a dh'fhàsas an talamh agus an adhar a tha dìreach os a chionn fuar tron oidhche leis gun caill e mòran lùth is e a' leigeil a-mach rèididheachd fho-dhearg. 'S ann tro na h-oidhcheannan fuara gun sgòthan a tha an call lùtha sin nas motha, às aonais buaidh an taigh-ghlainne. Ruigear puing sàthachd, agus bidh driùchd ann. Nan robh teodhachd an adhair fo na 0°C - puing reòthadh an uisge - 's e deigh a bhiodh ann an àite driùchd. 'S e an aon tachartas fiosaigeach a th' ann, ged a tha na feartan caran eadar-dhealaichte (mar eisimpleir, 's e rud sònraichte a th' ann deatach sàthachd an uisge lionna agus an deigh).[3]

Ceanglaichean A-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Завадська В., Музиченко Я., Таланчук О., Шалак О. 100 найвідоміших образів української міфології. — К.: Орфей, 2002
  2. Bohren, C.; Albrecht, B. Atmospheric Thermodinamics. Oxford University Press, 1998
  3. Alertes Météo
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: