Anne Frank
'S e nighean òg Iùdhach a bh' ann an Anne Frank (12 An t-Ògmhios 1929 - tràth sa Mhàrt 1945). Tha i ainmeil airson an leabhar-latha a sgrìobh i nuair a bha i, còmhla ri a theaghlach, air falach bho na Nàsaich ann an Amsterdam - dìreach mar a rinn Éva Heyman thall san Ungair aig an aon àm. Bhàsaich i ann an campa-cogaidh, Bergen-Belsen, ann an 1945. Às dèidh a' chogaidh, chaidh an leabhar-là fhoillseachadh, agus 's e aon de na h-ìobairtich Iùdhach den uile-losgadh as ainmeil a th' ann an Anne Frank a-nis.
Sgeul-Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh Anne Frank (Annelies Marie Frank) anns a' Ghearmailt, ach ghluais an teaghlach do na Tìrean Ìsle nuair a bha i fhathast na pàiste nuair a thàinig na Nàsaich gu cumhachd ann am Frankfurt. 'S e Edith agus Otto na h-ainmean a bha air pàrantan Anne, agus bha piuthar aice, Margot. Ann an 1942, chaidh iad am falach anns an taigh aca, anns a' phàirt dhìomhair: Het achterhuis (an taigh air cùlaibh). Air an 4mh dhen Lùnastal 1944, fhuair na Nàsaich fiosrachadh mu dheidhinn nan teaghlaichean a bha air am falach anns an taigh, chaidh iad a bhratadh.[1] Bha an teaghlach Frank air an cur gu campa-cogaidh Auschwitz, às dèidh sin, chaidh Margot agus Anne a chur gu campa-cogaidh eile, Bergen-Belsen, far an do chaochail iad.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Gillebrìde Mac'Illemhaoil. Beatha le Buaidh: Anne Frank (Steòrnabhagh: Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, 2008) d. 18.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]